Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 4 - Naloxone
Dè th’ ann an Naloxone?
’S e Naxolone cungaidh-leighis as urrainn droch-bhuaidh nan drogaichean opioid, leithid heroin no methadone, ìocadh. Tha e na leigheas ciad-fhuasglaidh a chaisgeas buaidhean nan drogaichean opioid gu sealach agus faodaidh duine sam bith a thoirt seachad gu laghail. Chan eil e na chunnart idir don neach a tha ga thoirt seachad.
Le seo, nuair a tha neach air tar-dhòs de dh’opioid a ghabhail, dh’fhaodadh Naloxone a bhith air a chleachdadh gus analachadh ath-àbhaisteachadh an ceann mhionaidean an dèidh leigheas fhaighinn. ’S urrainnear a thoirt aon chuid tron t-sròin le steallaire chuinneanan (roghainn as fheàrr ri linn fasaid riarachaidh), no ’s urrainnear a thoirt le ann-stealladh do chuislean no fèithean neach.
Tha Naxolone air a bhith ga chleachdadh ann an dùthchannan eile, leithid Èirinn a Tuath far a bheil seirbheis nan ambaileansan air a trèanadh gus an droga a thoirt seachad bho 2017 . ’S e Alba a’ chiad dhùthaich san t-saoghal gus prògram Naxolone Nàiseanta a chur air bhonn, agus fhuair e maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba bho 2011 gu 2016.
Chaidh £1 millean a riarachadh don iomairt nàiseanta.
Bha am prògram seo na chomharra de ghluasad brìgheil bho dhòigh-dhèiligidh sa bheilear a’ meas mì-chleachdadh dhrogaichean mar chùis eucoir gu bhith gam meas mar chùis slàinte poblaich. Leig e cuideam air an rùn aig Alba coinneamh a thoirt don cheangal àraidh aice ri drogaichean le freagairt dhìreach, co-fhulangach.
An lorg seo, thòisich mòran chomhairlean Albannach air Naxolone a ghabhail a-steach do na poileasaidhean aca. Thug Comhairlean Obar Dheathain is Shruighlea trèanadh do mhòran den luchd-obrach aca airson Naxolone a thoirt seachad. Thathar a-nis a’ lìbhrigeadh na cungaidh do aonadan dhaoine gun dachaigh Ghlaschu ; agus fhuair pròiseact ‘Take Home Naloxone’ ann an Dùn Dèagh moladh airson oidhirpean air an cron co-cheangailte ri mì-chleachdadh dhrogaichean a lùghdachadh .