Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 4 - Naloxone
Dè na barantasan sàbhailteachd a tha suidhichte?
Tha dleastanas cùraim air Poileas Alba airson gach sìobhaltach nar dùthaich. Nuair a smaoinichear air feadhainn a tha feumach air ciad-fhuasgladh èiginneach, tha Poileas Alba ag aithneachadh gu bheil sùil aig a’ phoball ris agus uallach oirnn beatha a shàbhaladh.
Bho sheasamh chòraichean daonna, gheibhear ‘Còir-bheatha’ aig Alt 2 de Chunnradh Chòraichean Daonna agus Achd nan Còraichean daonna Eòrpach 1998. Le bhith a’ dèiligeadh ri cron sòisealta bho sheasamh chòraichean daonna, bu chòir dhuinn aithneachadh gur e freagairt ciad-fhuasglaidh a th’ ann airson beatha a ghlèidheadh nuair a bheir oifigear Naxolone do dhaoine a ghabh tar-dòs.
Gheibhear mion-chunntas air an dleastanas laghail seo ann an Achd Ath-leasachadh a’ Phoileis is Luchd-Smàlaidh (Alba) 2012.
Ann an Earrann 32 ‘prionnsabalan obair-phoileis’ – ’S e prìomh-adhbhar obair-phoileis sàbhailteachd is deagh-chor dhaoine, sgìrean is coimhearsnachdan a leasachadh ann an Alba; agus ann an Earrann 20 ‘dleastanasan coitcheann’ – Tha dleastanas air constabal eucoir a bhacadh ’s a lorg; riaghailt a ghleidheadh; agus beatha is earras a dhìon.
An-uiridh, dh’iomraich am Ministear airson Slàinte Poblaich, Joe Fitzpatrick BPA; “Air feadh Alba, agus ’s dòcha ann an sgìrean dùthchail gu h-àraidh, ’s e am poileas a’ chiad fheadhainn a bhios a’ tachairt air cuideigin a tha a’ fulang le tar-dhòs” .
Tha Buidheann Slàinte na Cruinne ag ràdh; “bu chòir do dhuine sam bith buailteach dèiligeadh ri neach as dòcha a ghabhadh tàr-dhòs Naxolone a ghiùlan” agus liostaich iad am poileas mar aon de na seirbheisean èiginn a tha buailteach dèiligeadh ri neach den t-seòrsa seo.
Mhol Cathraiche Feachd-gnìomha Dhrogaichean Bàsmhor Riaghaltas na h-Alba, an t-Ollamh Catrìona NicMhathain, am pìolat Test of Change; “Mo bheannachd air Poileas Alba airson rùn adhartach agus deagh ghnìomhan ann an dèiligeadh ris na h-ìrean uabhasach de bhàsan co-cheangailte ri drogaichean ann an Alba”.