Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Naloxone - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : drugs

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 4 - Naloxone


Cur-an-gnìomh is cleachdadh Naloxone le Poileas Alba

Thòisich Poileas Alba air oifigearan a thrèanadh sa Mhàrt 2021 agus theann sinn ris a’ chleachdadh pìolait sa Chèitean 2021. Rè na h-ùine pìolait 6-mìosan, bidh oifigearan san Eaglais Bhric, Dùn Dèagh is Glaschu an Ear a’ giùlan acainnean steallaire-sròine a thoirt do dhaoine a ghabh tar-dhòs aig àm cleachdadh dhrogaichean opioid, rud a dh’fhaodar comas a thoirt dhaibh air am beatha a shàbhaladh. Leigidh am pìolat seo le Poileas Alba measadh iomlan a dhèanamh air dè an tairbhe a dh’fhaodadh a bhith an lùib oifigearan sràide acainneachadh le Naloxone.

Thèid oifigearan oideachadh gus comharran tar-dhòis aithneachadh gu h-èifeachdach, agus an steallaire-sròine a thoirt do dh’fhulangaich. Bha grunn thuiteamasan soirbheachail ann bho thòisich an deuchainn a tha airidh air iomradh. Air Disathairne 27 Màrt 2021, thug constabal speisealta saor-thoileach à Poileas Alba dà dhòs dhen steallaire-sròine do chuideigin a bh’ air tuiteam na chlod ’s a bha fo amharas tar-dhòsaidh . Chaidh an t-euslainteach tar-dhòis a leigeil às an ospadal dà latha an dèidh sin.

Fhuair Comataidh Cùisean Albannach Taigh nan Cumantan fianais a bha a’ làn-dhearbhadh nach robh anns an dòigh-dhèiligidh an-dràsta, sa bheil drogaichean gam meas na chùis eucoir ach dòigh-dhèiligidh gu tur neo-thairbheach . Seach sin, mhol mòran dhaoine gum bu chòir Alba a bhith deònach fuasglaidhean innleachdach stèidhichte air fianais a chur an gnìomh airson dèiligidh ri mì-chleachdadh dhrogaichean.

A-rèir Fòram Dhrogaichean na h-Alba, tha staitistigs Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil mu thuaiream 56,000 duine aig a bheil duilgheadas le drogaichean opiates (mar as trice, heroin) no benzodiazepines (drogaichean samhail valium) ann an Alba .


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Naloxone National Roll Out - 7 December 2022

Published: 24 January 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Naloxone Update - 1 June 2022

Published: 07 September 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Naloxone Test of Change Evaluation Report - 17 March 2022

Published: 17 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Drug Related Deaths Update - 1 September 2021

Published: 31 August 2022