Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Naloxone - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : drugs

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 4 - Naloxone


Carson a chleachdar Naxolone ann an obair-phoileis?

Thar nam 20 bliadhna a dh’fhalbh, chunnaic Alba meudachadh sa chron shòisealta co-cheangailte ri cleachdadh dibhe is dhrogaichean. Dh’èirich an àireamh de bhàsan co-cheangailte ri drogaichean an 2020 le 5% an coimeas ris a’ bhliadhna roimhe (1,264 an 2019 gu 1,339 an 2020) . Bha ceangal aig 87% de na bàsan seo ri tar-dhòs opioid. Tha am figear seo a’ riochdachadh an àireimh as àirde bho thòisich clàran ann an 1996, agus tha e a dhà uiread dhen mheud bhàsan 10 bliadhna ron sin (an 2009, chaidh 545 bàsan co-cheangailte ri drogaichean a chlàradh .

Gu h-iongantach, dh’èirich bàsan le ceangal ri cleachdadh heroin is moirfìn chun nan àireamhan as àirde fhathast ann an 2019. Tha mòran dhaoine air freagairt slàinte poblaich iarraidh air “càs” cleachdadh dhrogaichean na h-Alba gus dèiligeadh ris a’ ghnothach seo a tha a’ sìor-fhàs draghail . San Iuchar 2019, stèidhich Riaghaltas na h-Alba Feachd-gnìomha do Dhrogaichean Bàsmhor gus dèiligeadh ris an àrdachadh bhàsan.

An lorg seo, ghairm Poileas Alba Buidheann-stiùiridh Lìbhrigeadh Naloxone air 12 Màrt 2020. Tha am Buidheann ag amas air freagairt dhìreach ris a’ mheudachadh ann an taran-dhòs clàraichte de dhrogaichean opioid agus tuigse fhaighinn air na buannachdan coimhearsnachd nuair a bhios Naloxone ga ghiùlan air an t-sràid le oifigearan-poileis.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Naloxone National Roll Out - 7 December 2022

Published: 24 January 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Naloxone Update - 1 June 2022

Published: 07 September 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Naloxone Test of Change Evaluation Report - 17 March 2022

Published: 17 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Drug Related Deaths Update - 1 September 2021

Published: 31 August 2022