Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Camara-bodhaig - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : BWV human rights public confidence

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 5 - Camara-bodhaig


Sùil air adhart

Ri tìde agus fo umhail do ionmhas a bhith ga chur an tairgse, tha dùil aig Poileas Alba BWV a leudachadh a-mach do gach oifigear poileas is luchd-obrach nan sràidean cho luath ’s a leigeas maoineachadh leinn. Le 17,000 oifigear, ’s e oidhirp mhòr a bhios ann agus feumaidh e planadh agus tasgadh suim airgid chudromach. Thèid conaltradh gu farsaing leis a’ phoball mar phàirt dhen leudachadh seo, a dhèanamh cinnteach gu bheil uibhir de dhaoine ’s a tha comasach a’ toirt seachad am beachdan agus airson cinnteachadh gu bheil daoine mothachail air ciamar a chleachdar BWV ann an obair-phoileis san sgìre aca.

Ged tha pailteas bhuannachdan an lùib BWV ann an obair-phoileis, thathar ag aithneachadh gum faodadh cuid a dhaoine a bhith draghail mu chleachdadh teicneòlas dhen t-seòrsa seo. Beachdaichidh an SPA gu cùramach air leudachadh BWV thairis air Poileas Alba agus iarrar beachdan air a’ phoball is prìomh-eòlaichean.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Published: 01 March 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Body Worn Video Project

Published: 24 January 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Teusairean - Duilleag Fiosrachaidh - Sultain 2021

Published: 01 March 2024