Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Camara-bodhaig - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : BWV human rights public confidence

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 5 - Camara-bodhaig


Dè na barantasan sàbhailteachd a tha suidhichte?

Aidichidh Poileas Alba agus Ùghdarras Poileas na h-Alba (SPA) gu bheil draghan prìobhaideachd, dàta is treas-phàrtaidh aithnichte ann, a dh’aindeoin nam fianaisean làidir a thaobh buannachdan BWV. Feumar teicneòlasan ùra, tòiseachail leithid BWV a chothromachadh ri luachan a’ phoileis a thaobh ionracais, ceartais, spèis agus còraichean daonna.

Tha Poileas Alba rùnaichte obair-phoileis a dhèanamh le aonta agus cha chleachd sinn BWV ach air adhbhar poileis dligheach, far a bheilear ga mheas deatamach is iomchaidh sin a dhèanamh. Cha chleachdar BWV ann an gnìomhan-faire os-ìosal agus cha chuirear uidheaman am falach a dheòin nuair a bhithear gan cleachdadh.

Airson draghan prìobhaideachd is trèas-phàrtaidh a dh’fhaodadh bhith ann a thuigsinn ’s a mhaothachadh, bha Poileas Alba air Measadh Buaidh air Co-ionannachdan is Còraichean daonna (EqHRIA) agus Measadh Buaidh air Dìon Fiosrachaidh (DPIA) a choileanadh. Tha measaidhean buaidh air an ath-sgrùdadh ’s ùrachadh gach bliadhna airson atharraichean ann an reachdas, poileasaidh is teicneòlas a thoirt fa-near.
A chòrr air seo, bheirear trèanadh stannardaichte do dh’oifigearan-poileis armaichte air cleachdadh BWV agus lìbhrigear riaghailt-chleachdaidh dhaibh le modhan-obrach stannardach co-cheangailte (SOPan) a’ mìneachadh ciamar a bu chòir BWV a chleachdadh sna dleastanasan aca.
An dèidh gach cur-an-gnìomh, tha craoladh fianaiseach air a losgadh ri diosc agus air a thasgadh mar bhathar dèanta. Tha craoladh nach eilear a’ comharrachadh airson cleachdadh fianaiseach air a dhubhadh às gu h-automataigeach an dèidh greis shuidhichte, ùine a tha an-dràsta suidhichte aig 31 latha. Tha rùn aig Poileas Alba agus SPA sùil a chumail air na buannachdan a gheibhear à BWV agus a bhith ag aithriseadh tro structaran riaghlaidh làithreach airson follaiseachd is cunntachalachd a chinnteachadh.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Published: 01 March 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Body Worn Video Project

Published: 24 January 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Teusairean - Duilleag Fiosrachaidh - Sultain 2021

Published: 01 March 2024