Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Camara-bodhaig - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : BWV human rights public confidence

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 5 - Camara-bodhaig


Cur-an-gnìomh is cleachdadh an teicneòlais le Poileas Alba

Tha BWV ga chleachdadh an-dràsta gu ìre bheag le Poileas Alba, mar as trice ann an ceann an ear-thuath na dùthcha. Tha Oifigearan Poileis agus Constabalan Speisealta à Roinn an Ear-thuath air BWV a chleachdadh bhon Ògmhios 2010. Thòisich seo mar dheuchainn pìolait airson cleachdadh BWV ann an sgìre ainmichte fo dhìleab Grampian Police.

Nochd an deuchainn gun robh BWV a’ tabhann bhuannachd cudromach dar gnìomhan ann an cruinneachadh fianais, fianais nas fheàrr le luchd-casaid a’ chrùin agus ga chleachdadh mu choinneamh gearain an aghaidh a’ Phoileis. Mar thoradh, dh’èirich meud cleachdaidh uidheaman BWV air feadh na roinne. An-diugh, gheibhear beagan is 250 uidheam BWV an roinn an Ear-thuath.

Tha Poileas Alba an-dràsta a’ leudachadh cleachdadh BWV do dh’oifigearan poileis armaichte ro cho-labhairt COP26 a thèid a cumail ann an Glaschu san t-Samhain 2021. Tha cunnart mòr an lùib obair-phoileis armaichte; cuidichidh sgrùdadh is leudachadh BWV le follaiseachd is cunntachalachd a leasachadh.

Buannachdan BWV ann an obair-phoileis armaichte:

Follaiseachd nas motha ann an obair-phoileis, gu h-àraidh nuair thèid oifigearan armaichte a chur gu tachartas

Gheibhear fianais luachmhor a chuidicheas oifigearan poileis ann a bhith a’ rannsachadh eucoir

Culaidh-taic do dh’fhulangaichean le bhith a’ glacadh fianais, a’ toirt sealladh clàraichte air suidheachaidhean, a’ docamaideadh leòntan agus a’ sealltainn an àmhghair a dh’fhairicheas fulangaichean eucoir

Chaidh fianais shàr-mhath a thoirt do Oifis a’ Chrùin agus Seirbheis an Luchd-casaid mar chùl-taic do rannsachaidhean is dìtidhean

A’ cumail taic ri rannsachaidhean le Poileas Alba agus Coimiseanair Rannsachaidh is Ath-sgrùdaidh a’ Phoileis (PIRC) a thaobh rannsachaidhean co-cheangailte ri freagairt a’ phoileis ri gnothach àraidh.

Cha tèid cleachdadh BWV an àite innleachdan traidiseanta a’ phoileis agus leanaidh Oifigearan orra a’ cruinneachadh ’s a’ clàradh fianais le meadhanan gnàthach, mar a tha a bhith a’ gabhail aithrisean bho bhuill a’ phobaill no luchd-fianais do thachartas.

Tha cleachdadh BWV a-rèir gach tachartais; mura bheil iad nam pàirt de iomairt shònraichte, cha bhi oifigearan a’ clàradh mar phàirt de chuairteachadh àbhaisteach nan sràidean.

Cuiridh oifigearan gu dol an camarathan aig toiseach tachartais no còmhdhail, agus leanaidh iad orra mar as àbhaist a’ clàradh gus nach bi e ‘cothromach no deatamach’ tuilleadh. Far a bheil e pragtaigeach, cuiridh oifigear daoine air earail gu bheil iad a’ cleachdadh uidheam BWV gus clàradh.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Published: 01 March 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Body Worn Video Project

Published: 24 January 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Teusairean - Duilleag Fiosrachaidh - Sultain 2021

Published: 01 March 2024