Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 5 - Camara-bodhaig
Carson a chleachdar Camara-bodhaig (BWV) ann an obair-phoileis armaichte?
Tha grunn bhuannachdan cudromach an lùib BWV do dh’oifigearan poileis armaichte, ri linn ’s gur e obair speisealta agus uaireannan èiginneach do bheatha a bhios iad ris. Tha BWV a’ meudachadh follaiseachd obair-poileis agus ’s urrainnear craoladh sam bith ath-shealltainn, sgrùdadh agus cur a-steach mar fhianais, rud a nì oifigearan, agus eucoirich, nas cunntachaile.
’S e tairbhe mhòr eile aig BWV gun urrainnear fianais de chàileachd nas fheàrr a thoirt seachad. Bho shean, bhiodh oifigear poileis a’ sgrìobhadh clàr den tachartas, le tuairisgeul den chainnt is cuinnseachan a thugadh seachad, cho luath ’s a ghabhas an dèidh don tachartas èirigh. Le BWV, tha an tachartas air a chlàradh ann am fìor-àm agus cho mionaideach ’s a ghabhas, gun ach raon-seallaidh is fuaime an uidheim na bhacadh.
Tha an fhianais, mar sin, cus nas cuimsiche is mionaidiche na bha comasach roimhe - faodar teagamhan mu na chaidh dèanamh no ràdh le duine sam bith a bha an làthair a lùghdachadh. ’S iomadh buannachd a dh’fhaodas a bhith aig uidheaman BWV, mar a tha air a shònrachadh sa chlàr-dàta air an duilleag a leanas.
Chaidh craoladh BWV a chleachdadh mar an ceudna airson gearainean an aghaidh oifigearan poileis le muinntir na dùthcha a rèiteachadh. Tha seo a’ lùghdachadh tìde a chosgar air rannsachadh agus a’ tabhann clàradh ceart den t-suidheachadh. Tha teisteanas ann cuideachd gu bheil beus is modh-giùlain a’ phobaill agus oifigearan nas fheàrr nuair a tha BWV ga chleachdadh.