Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 5 - Camara-bodhaig
Carson a chleachdar Camara-bodhaig (BWV) ann an obair-phoileis?
Tha Seirbheisean a’ Phoileis a’ cur feum air fianais bhideo bho chionn nan deicheadan de bhliadhnaichean, tro CCTV ionadail, siostaman carbad poileis agus uidheaman-làimhe a thathar ag iomairt aig àm gnìomhachaidh shònraichte. Ann am Breatainn, thòisich am poileas air BWV a chleachdadh le deuchainnean beag-sgèile gan dèanamh air siostam bhideo air muin cinn ann am Plymouth (Constablachd Devon ’s na Còirne) an 2006.
Chaidh aithneachadh gun robh an siostam a’ leasachadh mathas na fianais a bh’ air a toirt le
oifigearan poileis aig tachartasan. An-diugh, tha uidheaman BWV gan cur an gnìomh le gach feachd poileais san Rìoghachd Aonaichte.
Tha BWC a’ dèanamh clàradh video is fuaim de thachartas. Le suidheachadh a’ chamara, tha e a’ craoladh an tachartais bho sheasamh-beachd an oifigeir don fheadhainn a bhios a’ coimhead. Tha an camara, mar gum b’ eadh, mar neach-fianais neo-eisimeileach a’ sealltainn dè a bhiodh oifigear poileis air faicinn, cluinntinn, ràdh no dèanamh.