Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 1 – Teusairean
Dè a th’ ann an Teusairean?
’S e Taser an t-ainm-brannd air Uidheaman Lùth Giùlainte a tha feachdan poileis air feadh Bhreatainn a’ cleachdadh. ’S urrainnear Teusairean a chleachdadh ann an grunn dhòighean airson suidheachadh a dh’fhaodas a bhith ainneartach no cunnartach a chiùineachadh gun anabarr de sparradh.
’S e an rannsaiche NASA, Jack Cover, a chlàraich peutant an toiseach ann an 1974 airson an uidheim, a chaidh a dhealbhadh gus targaid bheò a stamhnadh gun mhòr-chiùrradh no dochann. Chaidh Teusair, air a bheil Uidheaman Lùtha Giùlainte (CEDan) uaireannan, a dhealbhadh airson comas a thoirt do dh’oifigearean uchd-bualaidh a bhith a’ cuingealachadh dhaoine, a dh’fhaodadh a bhith cunnartach, gun anabarr de sparradh a dhèanamh.
Bha a’ chiad uidheam Teusair air a dhèanamh ro 1976 agus thàinig iad gu bhith bitheanta mu 2010 ann am feachdan poileis air feadh an t-saoghail.
Ann am Breatainn tha Uidheam Lùtha Giùlainte/Taser fon t-seòrsachadh ‘ball-airm toirmisgte’ ann an Earrann 5 de Achd Airm-theine 1968, agus thathar ga mheas na eucoir ma tha neach sam bith a’ sealbhachadh no a’ cleachdadh ball-airm dhen t-seòrsa sin. Fhad ’s a tha oifigearan poileis ris an obair aca, tha iad saor bho riatanasan an reachdais ge-tà.
Tha Teusairean gan cleachdadh san RA le feachdan poileis bho 2004 . Sheall obair-rannsachaidh gu bheil ìre gèillidh 85% ann nuair a thàirneas oifigearan uchd-bualaidh Teusair, agus gun fheum air an t-uidheam a thilgeil.