Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Teusairean - Duilleag Fiosrachaidh - 28 Sultain 2021

Keywords : human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 1 – Teusairean


Cur-an-gnìomh is cleachdadh an teicneòlais le Poileas Alba

Ann an 2018, chruthaich Poileas Alba còmhlan ùr de Oifigearan a fhuair trèanadh sònraichte (STO) ’s aig a bheil teisteanas a leigeas leotha uidheam Teusair a chleachdadh gu pearsanta . Tha mu thuaiream 520 STO ag obair an-dràsta taobh a-staigh Poileas Alba. Airson teisteanas cleachdadh Teusair fhaighinn, feumaidh oifigearan trèanadh cruaidh a ghabhail os làimh (tha Cùrsa Cleachdaiche CED Poileas Alba a’ toirt 24 uairean a thìde gu h-iomlan, barrachd air an lughad ùine de 18 uairean a thìde aig an Rìoghachd Aonaichte).

Feumaidh oifigearan pàirt a ghabhail ann an trèanadh ùraichte turas sa bhliadhna gus leantainn orra uidheam Teusair fhaighinn.

Bho thugadh a-steach iad san Òg-mhios 2018, chaidh STOan a chur an gnìomh aig 1,355 tachartasan. Rè na h-ùine seo, chaidh Teusairean a chleachdadh 782 uair, ged nach robh iad air an tilgeil ach 90 uair san ùine seo (ìre tilgeil 11.5% a-rèir gach turais chleachdaidh).

Rinn Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba sgrùdadh a mheas cleachdadh leudaichte nan Teusairean aig Oifigearan le trèanadh sònraichte. Rinn am pròiseact rannsachadh luachadh air a’ chiad sia mìosan de chur-an-gnìomh nan Teusairean san leth mu dheireadh de 2018. Dhearbh toraidhean an sgrùdaidh gun robh am poball agus oifigearan taiceil sa chumantas do chleachdadh ceannsaichte Teusairean ann am Poileas Alba.
Tha Buidheann Ro-innleachdail nan Teusairean aig Poileas Alba a’ cumail suas lèirmheas is sgrùdadh air na h-Oifigearan le trèanadh sònraichte. Tha e ag amas air mathas-cleachdaidh a chomharradh agus cothroman a lorg airson oideachadh a thoirt seachad do chàch. Tha Buidheann Sgrùdadh nan Teusairean aig Poileas Alba cuideachd a bhios a’ cumail sùil ro-innleachdail air cleachdadh Teusairean le oifigearan uchd-bualaidh.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

TASER Roll Out Update - 15 June 2023

Published: 13 June 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Taser Advisory Group Update - 17 March 2022

Published: 17 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Police Scotland Taser Capability - 9 March 2021

Published: 30 August 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Tasers - Public Briefing- September 2021

Published: 18 April 2023