Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 1 – Teusairean
Carson a thathar a’ cleachdadh Teusairean ann an obair-phoileis?
Nuair a bheir iad aghaidh air daoine as dòcha a tha cunnartach no ainneartach, tha e mar fhiachaibh air oifigearan poileis sràide cunnart dochainn no bàis a lùghdachadh do na daoine fhèin, a’ choimhearsnachd timcheall, agus oifigearan eile.
Faodaidh roghainnean co-èigneachaidh atharrachadh bho mhodhan beòil gu acainn-cuingealachaidh bodhaig no glacaidhean le làimh. Ma tha e iomchaidh, faodar cuaille a chleachdadh mar chulaidh-dìona, no gus neach air a bheil coltas cronail a cheannsachadh.
Chan fhuilear do gach gnìomh co-èigneachaidh a bhith dhen mheud as lugha a dh’fheumar airson an t-amas laghail a choileanadh .
Thathar ag aithneachadh gum faod cuaille a bhith a’ dochann neach air a bheil coltas cronail, ball eile den phoball no oifigear poileis. Seach cuaille a chleachdadh gus suidheachaidhean a riaghladh far a bheil cunnart mòr fòirneirt ann, faodar teicneòlasan leithid Teusair a chleachdadh.
Faodaidh oifigear Teusair a chleachdadh mar chulaidh-bacaidh le bhith a’ tomhadh gath leusair ri neach cunnartach (canar “red-dotting” ris). ’S tric a dh’fhoghaineas seo airson suidheachadh a chiùineachadh. Air uairean nach eil “dearg-dhotagachadh” a’ rèiteachadh cùis, faodar an Teusair a thilgeil le aon a dhà foincseanan: ‘air a losgadh’ no ‘stun sparraichte (drive stun)’. Nuair a loisgear Teusair, tha seo a’ ciallachadh gu bheilear a’ tarraing na glacaig airson a’ chartraid a leigeil às air astar bhon targaid.
Air a’ chaochladh, ’s e ‘drive stun’ nuair a bhithear a’ cleachdadh Teusair le làimh gu dìreach an aghaidh neach a th’ air tighinn dlùth ’s a tha dha-rìribh a’ maoidheadh fòirneart. Gabhaidh an dà sheòl a chleachdadh gus smachd a chumail air suidheachadh fhad ’s a thathar a’ lùghdachadh dochann no cron. Tha Teusairean mar aon de grunn roghainnean ro-innleachdail a ghabhas cleachdadh nuair a thathar a’ dèiligeadh ri tachartas a dh’fhaodadh a bhith buaireasach.
Ann am Poileas Alba, chan eil giùlan Teusairean ceadaichte ach le oifigearan poileis a fhuair trèanadh sònraichte mar dhearbhadh gu bheilear gan cleachdadh gu cothromach, eiticeil, follaiseach, agus airson cron a lùghdachadh a-mhàin nuair a tha sin gu tur riatanach.