Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Teusairean - Duilleag Fiosrachaidh - 28 Sultain 2021

Keywords : human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 1 – Teusairean


Barantas do shìobhaltaich

Tha riatanas air oifigearan a’ phoileis obair ann an suidheachaidhean cunnartach, dùbhlanach airson an dleastanas a choileanadh agus am poball a dhìon. Ma gheibhear greim orrasan aig a bheil Teusairean, cuidichidh e le smachd a chumail air na cunnartan sin agus am poball a dhìon.

An coimeas ri dòighean co-èigneachaidh eile, leithid stealladair PAVA (roghainn eile nas sàbhailte seach stealladair piobair), cleachdadh cuaille, no airm-theine; ’s e Teusairean as lugha a tha buailteach do chron fad-ùineach adhbharachadh. Tha uidheaman Teusair air an cleachdadh sa chumantas gus daoine a cheannsachadh ann an suidheachaidhean sa bheil cunnart mòr fòirneirt ann. Thathar ri seo mar dhòigh air tuilleadh croin a chlòthadh (i.e. dochann no bàs) don neach sin, agus gus luchd-amhairc is oifigearan poileis a dhìon.

Nochd anailis a rinn Poileas Alba gu bheil Teusairean a’ lùghdachadh ìrean dochann oifigearan is chuspairean gu mòr an coimeas ri acainn-dìon ghnàthach a’ phoileis:

Cuaille air a cleachdadh - ìre dochainn oifigearan aig 28%, ìre dochainn chuspairean aig 52%
Stealladair PAVA air a cleachdadh - ìre dochainn oifigearan aig 24%, ìre dochainn chuspairean aig 16%
Teusair air a chleachdadh used - ìre dochainn oifigearan aig 0.2%, ìre dochainn chuspairean aig 0.6% (2 oifigear agus 3 cuspairean air an dochann bhon 620 uair a chaidh Teusair a tharraing)

Ged a chithear buannachdan soilleir an lùib oifigearan le trèanadh sònraichte a’ giùlan Teusairean, aithnichear gu bheil cunnartan ann co-cheangailte ri cleachdadh Teusairean agus gum feumar smachd a chumail orra seo gu cùramach. Gheibhear beagan fianais gum faodadh Teusairean ‘buaidh bhall-airm’ a phiobrachadh – rud saidhc-eòlach sam faod sealladh air ball-airm nuair a thachras am poball is am poileas air a chèile toirt air an dà chuid a bhith nas tuasaidiche.


’S fhiach aithneachadh cuideachd gu bheil aithrisean draghail air nochdadh bho chuid a dhùthchannan mu dheidhinn cus cleachdadh Teusairean a thaobh buidhnean so-leòinte is beag-chuid (daoine le duilgheadasan slàinte-inntinn, mì-chleachdadh dhrogaichean, agus mion-chinnidhean ).

Tha e deatamach gu bheil cleachdadh Teusairean an Alba air a chuingealachadh ri oifigearan-poileis a fhuair trèanadh sònraichte; gu bheil e cothromach, eiticeil, soilleir, agus nach eilear gan ùisneachadh ach mar dhòigh air cron a lùghdachadh far a bheil sin riatanach.

Airson cleachdadh eiticeil, cothromach nan Tasers a dhearbhadh, bidh Coimiseanair an Ath-sgrùdaidh is Rannsachaidhean (PIRC) a’ rannsachadh gach turas a chaidh Taser a thilgeil mar ghnothach àbhaisteach. Thug PIRC taic do thoiseach cleachdadh Teusairean ann an obair Poileas Alba san aithisg bhliadhnail 2018-19 aca.

Dhearbh iad gun “d’fhuair iad cothrom air tachartasan a rèiteachadh gu sgiobalta sa mhòr-chuid dhiubh san deach Teusairean a chleachdadh le oifigearan STO, rud a tha na fhois-inntinn mhòr.

A chòrr air seo, nochd ar toraidhean àireamh mhòr amannan san do chleachd oifigearan Teusairean airson fèin-chron le daoine air an robh droch-shlàinte-inntinn a chuingealachadh no a bhacadh, agus air uairean, dh’fhaodadh iad a bhith air bàsan a sheachnadh.”


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

TASER Roll Out Update - 15 June 2023

Published: 13 June 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Taser Advisory Group Update - 17 March 2022

Published: 17 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Police Scotland Taser Capability - 9 March 2021

Published: 30 August 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Tasers - Public Briefing- September 2021

Published: 18 April 2023