Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19
Earbsa ann an obair-phoileis – Dèiligeadh ri tachartasan
Shaoil a’ mhòr-chuid thairis air na Suailean ‘Gu math misneachail/misneachail gu ìre’ ann an comas a’ phoileis dèiligeadh ri tachartasan mar a bhiodh iad ag èirigh (faic Figear 5).
Coltach ri ‘A’ freagairt gu sgiobalta’, lùghdaich a’ chuid thairis air na Suailean bho 70% ann an Suaile 1 gu 60% ann an Suaile 4. A-rithist ge-tà, tha seo coltach ri ìrean ann an SCJS 2019/20 (64%).
Aig an aon àm, mheudaich ‘Chan eil glè mhisneachail/chan eil idir’ bho 19% gu 29%.