Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19
Earbsa ann an obair-phoileis – A’ freagairt gu sgiobalta
Thairis air na Suailean, tha a’ mhòr-chuid air a bhith ‘Gu math misneachail/misneachail gu ìre’ ann an comas a’ phoileis air freagairt gu sgiobalta (faic Figear 4).
Tha a’ chuid seo air lùghdachadh thairis air na Suailean bho 68% ann an Suaile 1 gu 59% ann an Suailean 2 agus 4. Gidheadh, tha an ìre seo coltach ri SCJS 2019/20 (64%) fhathast.
Tha freagairtean ‘Chan eil glè mhisneachail/chan eil idir’ air èirigh bho 20% ann an Suaile 1 gu 29% ann an Suaile 4.