Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19 - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19


Ciamar a làimhsich sinn ar sgrùdadh earbsa a’ phobaill?

Sa Ghiblean 2020, dh’fhastaich an t-Ùghdarras Mark Diffley Consultancy Ltd. gus sreath sgrùdaidhean a ruith tron sgrùdadh pannal ScotPulse. Leig ceistean cuideam air earbsa a’ phobaill agus obair-phoileis rè pandemic Covid-19.

Chaidh ceithir suailean a sgrùdadh eadar an Giblean 2020 agus an Gearran 2021. Bhathar a’ rannsachadh còig raointean gu cunbhalach thairis air trì no còrr is trì Suailean. Bha iad seo co-cheangailte ri:

Dè cho math ’s a bha an obair-phoileis san sgìre ionadail?
Beachdan mu na h-ìrean de phoileas an làthair ann an sgìrean an luchd-freagairt
Earbsa sa phoileas a thaobh freagairt agus dèiligeadh ri tachartasan.
Beachdan mun dòigh sa bheil am poileas a’ làimhseachadh glasadh Covid-19
Beachdan mu lìbhrigeadh Sanasan-peanais Suidhichte airson briseadh riaghailtean Covid-19

Bha na trì raointean toisich nan leth-bhreac de cheistean ann an Sgrùdadh Eucoir is Ceartas na h-Alba 2019/20 (SCJS) , agus bha leth-bhreac den chiad raon ann an Sgrùdadh-fòna Creineachdainn na h-Alba 2020.

Ged nach gabh coimeas dìreach a dhèanamh ri linn nam modhan sgrùdaidh eadar-dhealaichte, bheir seo fios coitcheann mu dè cho earbsach ’s a tha na toraidhean.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Confidence in policing – dealing with incidents

Published: 09 March 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Public Confidence

Published: 14 October 2024