Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19
Beachdan mu lìbhrigeadh Shanasan-peanais Suidhichte
Thairis air na Suailean, bha a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt ‘Gu math cofhurtail/cofhurtail gu ìre’ le lìbhrigeadh Shanasan-peanais Suidhichte leis a’ phoileas do dhaoine a bha a’ briseadh riaghailtean glasaidh Covid-19 (faic Figear 6).
Bha rud beag de chaochladh sna h-ìrean, ag èirigh bho 85% ann an Suaile 1 gu 87% ann an Suaile 2 agus a’ cromadh gu 81% ann an Suaile 4.
Aig an aon àm, dh’fhan ìrean de dhaoine a bha ‘Mì-chofhurtail gu ìre/Glè mhì-chofhurtail’ ìosal, a’ lùghdachadh bho 12% ann an Suaile 1 gu 10% ann an Suaile 2, ’s ag èirigh gu 15% ann an Suaile 4.