Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19
Beachdan mu làthaireachd a’ phoileis
Ann an Suailean 1 agus 2, shaoil a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt gun robh ìre làthaireachd a’ phoileis ‘Ceart gu leòr’; dh’atharraich seo gu ‘Chan eil gu leòr’ ann an Suailean 3 agus 4 (faic Figear 2).
Dh’èirich a’ chuid de fhreagairtean ‘Chan eil gu leòr’ gu rèidh bho 36% ann an Suaile 2 gu 46% ann an Suaile 4. Lùghdaich ‘Ceart gu leòr’ bho 44% gu 33% eadar Suailean 1 agus 3, mus do dh’èirich e ann an Suaile 4 gu 38%.