Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19
Beachdan mu làimhseachadh a’ ghlasaidh leis a’ phoileas
Eadar Suailean 1 agus 3, chuir a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt an làn-taic ris an dòigh a làimhsich am poileas an glasadh, bho 42% gu 46.
Ann an Suaile 4, dh’atharraich seo nuair a shaoil a’ mhòr-chuid gum bu chòir don phoileas a bhith nas treasa airson gèilleadh a’ phobaill a chinnteachadh (39%) (faic Figear 3).
Bha feadhainn ann a bha taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis ach shaoil eadar 8% is 17% gun robh iad uaireannan a’ dol thar na còrach.
Shaoil eadar 1% agus 4% gun robh cus làmhachas-làidir anns an dòigh-obrach, agus shaoil 2% gu 7% nach bu chòir dleastanas sam bith a bhith air a’ phoileas airson glasadh Covid-19 a thoirt gu buil.