Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 6 - Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19
Beachdan mu dhèanadas a’ phoileis
Shaoil a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt gun robh am poileas san sgìre aca a’ dèanamh obair ‘Glè Mhath/Math’. (faic Figear 1). Tha na h-ìrean seo rud beag nas lugha na SCJS 2019/20 (55%) agus SVTS 2020 (60%).
’S fhiach toirt fa-near gun do mheudaich beachdan fàbharach mu obair-phoileis ann an Suaile 2 bho 42% gu 48% ann an Suaile 4. Thàinig maille air beachdan neo-fhàbharach bho Shuaile 2 air adhart aig 10%, is lùghdaich ìrean ‘Chan eil fhios agam’ bho 33% gu 15% ann an Suaile 4.
’S dòcha gun do nochd ìre nas àirde de fhreagairtean ‘Chan eil fhios agam’ ann an Suaile 2 ri linn fèin-dìonaidh bhuain, fèin-aonranachadh is crìoch-ama air caidreabh ’s co-luadair agus fàgail an taighe.