Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 2 - Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic
Sanasan-peanais suidhichte rè a’ phandemic
Ann an 2020, thug riaghaltasan na RA agus na h-Alba a-steach pìosan reachdais air leth gus
lùghdaich sgaoileadh a’ choròna-bhìorais (COVID-19) nar coimhearsnachdan.
Tha gach reachdas a’ solar chumhachdan fa leth do dh’oifigearan poileis Albannach mar chuideachadh le dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cumail ris na bacaidhean a tha an-sàs air feadh na dùthcha.
Aig bun gnothaich, tha an reachdas Breatannach agus Albannach ag amas air ath-sgaoileadh a lùghdachadh agus daoine a chumail sàbhailte.
Bacaidhean fo Riaghailtean Dìon na Slàinte (Còrona-bhìoras) (Bacaidhean) (Alba) 2020
Tha a’ mhòr-chuid den phoball air gèilleadh ris na riaghailtean a th’ ann an-dràsta, agus leanaidh iad orra a’ gèilleadh riutha.
Tha an dòigh sa bheilear ri obair-phoileis riatanach a thaobh glèidheadh an rùin aig Poileas Alba airson obair-phoileis a dhèanamh le aonta.
Bu chòir do dh’oifigearan a bhith ri conaltradh, mìneachadh, brosnachadh is co-èigneachadh.
Dh’fhaodar seo a dhèanamh le faighneachd do dhaoine, buidhnean no gnìomhachasan an cuala iad mu na riaghailtean is bacaidhean ùra.
Leigidh oifigearan cuideam air na cunnartan do shlàinte phoblach agus an NHS. Ma dh’fhairtlicheas air oidhirpean leis a’ phoileas conaltradh ris an t-sluagh, na riaghailtean is reachdas a mhìneachadh agus daoine a bhrosnachadh gus cumail riutha, nithear gnìomhan co-èigneachaidh.
Faodaidh am poileas:
innse do dhaoine a bhith sgaoileadh
innse do phàrantan an clann a chasg o bhith a’ briseadh nan riaghailtean
sanas-peanais suidhichte a lìbhrigeadh
Ann an Alba, faodar sanas-peanais suidhichte a lìbhrigeadh do dhaoine os cionn 18 bliadhna a dh’aois, mar na leanas:
£60 mu choinneamh a’ chiad choire, air ìsleachadh gu £30 ma thèid a phàigheadh an ceann 28 làithean
£120 mu choinneamh an dàrna coire, ’s a’ dùblachadh mu choinneamh gach coire a bharrachd suas gu £960 aig a’ char as motha
Ma leanas cuideigin air na h-òrdaighean a leigeil seachad, faodaidh am poileas a chur an làimh ma smaoinicheas iad gu bheil seo cothromach agus a dhìth air an t-suidheachadh.