Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 2 - Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic
Pròifil shòisio-dheamografach faightearan nan sanasan-peanais
Bha daoine nas òige fada nas buailtiche air sanasan-peanais fhaighinn na daoine nas sine. Tha seo a’ freagradh an rannsachaidh a thuirt gun robh daoine òga na b’eu-coltaiche gèilleadh ris na Riaghailtean.
Bha fireannaich còrr is trì uiread nas buailtiche na boireannaich air sanas-peanais fhaighinn ann an Alba; gidheadh, cha mhòr nach b’ ionann pròifil nan aoisean am measg faightearan fireann is boireann nan sanasan-peanais.
Bha ro-eachdraidh eucoireach aig ceithir às gach còig faightearan nan sanasan-peanais, agus bha aonar às gach còignear air tighinn gu aire a’ phoileis bho chionn còrr is 20 bliadhna. Dh’fhaoidte nach robh feadhainn le eachdraidh de dh’eucoir cho deònach agus/no comasach air gèilleadh ris na Riaghailtean, no ’s dòcha gun robh an neo-ghèilleadh na b’ fhaicsinniche don phoileas, no gun robh na bu lugha de dh’fhulangas aig a’ phoileas dhaibh.
Bha fiaradh cudromach sa phròifil easbhaidheachd aig faightearan nan sanasan-peanais, mar a chithear gu h-ìosal. Bha trian de dh’fhaightearan shanasan-peanais a’ fuireach san 10mh cuid de na nàbaidheachdan as easbhaidhiche an Alba (Clàr na h-easbhaidheachd 2020).
Bha daoine san decile as àirde de na nàbaidheachdan Albannach as easbhaidhiche 11.2 uiread nas buailtiche air sanas-peanais fhaighinn na feadhainn a bha a’ fuireach san decile as ìsle. ’S dòcha gun robh an sgaradh seo ann airson adhbharan leithid ìrean eadar-dhealaichte de ghèilleadh ri bacaidhean, cleachdainnean aithrisidh a’ phobaill no cur-an-gnìomh ionadail de ghoireasan obair-phoileis.
Tha an t-eadar-dhealachadh sòisio-dheamografach seo na shamhla de ìre neo-ionannachd a bharrachd san dòigh air an deach am pandemic fhiosrachadh am measg dreamannan àraidh ann an coimhearsnachdan na h-Alba.