Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : covid-19

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 2 - Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic


Pròifil chruinn-eòlach faightearan sanais-pheanais

Bha caochladh nach beag ann thairis air roinnean poileis san àireamh de dhaoine a fhuair sanasan-peanais suidhichte. Thàinig na sgaraidhean seo gu bhith na bu chaoile nuair a thugadh fa-near an àireamh-shluaigh, ged a bha caochladh ann fhathast, mar a chithear san fhigear gu h-ìosal.

Bha an reat dhaoine don deach sanasan-peanais a lìbhrigeadh na b’ àirde ann an taobh an iar na h-Alba agus na b’ ìsle sa cheann a tuath. A-rèir nan roinnean, bha na reataichean a b’ àirde ann am Mòr-roinn Ghlaschu agus na reataichean a b’ ìsle ann an Lodainn ’s na Crìochan.
Cha robh diofar mòr sam bith ann thairis air roinnean a thaobh gnè, aois no a’ chlàir-eachdraidh eucoirich aig an fheadhainn a fhuair sanasan-peanais suidhichte.

Bha eadar-dhealachadh nach beag anns a’ chuid de dhaoine a fhuair sanas-peanais ’s a bha a’ fuireach sna coimhearsnachdan as easbhaidhiche thairis air roinnean; gidheadh, dh’atharraich seo ann an co-chòrdadh ri pròifil easbhaidheachd nan sgìrean seo.
Bha an ceudad de dh’fhaightearan sanais-pheanais a bha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan easbhaidheach aig beagan roinnean na b’ àirde na bha dùil, nam measg, roinnean an Ear-thuath, Gàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus Dùn Phrìs is Gall-ghàidhealaibh; ged a dh’fhaodadh seo a bhith na shamhla de luchd-siubhail sna sgìrean seo seach daoine a bha a’ còmhnaidh ann.

’S ann aig roinnean Taobh Tatha is Gàidhealtachd ’s na h-Eileanan a bha an ceudad as àirde de dhaoine a fhuair sanas-peanais còrr is aon uair; gidheadh, cha do lìbhrig na roinnean seo ach glè bheag de shanasan-peanais uile gu lèir.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Updated Covid Fixed Penalty Notice Factsheet

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

SPA Public Confidence & Support Surveying during COVID 19 (Wave 4) - 9 March 2021

Published: 30 August 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Public Confidence in Policing - Public Briefing - July 2022

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Independent Custody Visiting Scotland Covid 19 update

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Fixed Penalty Notices During the Pandemic - Public Briefing - October 2021

Published: 18 April 2023