Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : covid-19

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 2 - Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic


Dè na barantasan sàbhailteachd a tha suidhichte?

Tha sanas-peanais suidhichte fo Achd Dìon na Slàinte (Alba) (Bacaidhean) (Coròna-bhìoras) a’ tabhann don neach do bheilear ga lìbhrigeadh cothrom air càin shuidhichte a phàigheadh ann an co-rèite ris na Riaghailtean seo, an àite a bhith buailteach do dhìteadh airson na coire.

Mar as trice, bidh e iomchaidh do dh’oifigear poileis sanas-peanais suidhichte a lìbhrigeadh ann an suidheachadh far an smaoinicheadh e air aithisg a chur gu Neach-casaid a’ Chrùin airson coire bheag co-cheangailte ri peanas suidhichte.

Ma tha an neach am beachd gun deach peanas suidhichte a lìbhrigeadh gu mì-cheart, bu chòir dha fios a chur gu Poileas Alba agus leigeil fhaicinn dhaibh gu bheil e a’ tagradh na aghaidh. Bu chòir toirt fa-near nam pàigheadh neach a’ chàin nach b’ urrainn dha dùbhlan a thoirt don t-sanas-peanais oir bhiodh an cur-às dèanta.

Nuair a bhios an dìultadh seo air leigeil fhaicinn don phoileas, theid aithisg a chur gu Neach-casaid a’ Chrùin airson beachdachadh air. Ma cho-dhùineas an Neach-casaid gum bu chòir don chùis a dhol air adhart, dh’fhaodar sumanadh a thoirt don neach gus nochdadh sa chùirt. Ma thachras seo, bidh cothrom aig faightear an t-sanais-pheanais air tagradh an aghaidh na casaide.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Updated Covid Fixed Penalty Notice Factsheet

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

SPA Public Confidence & Support Surveying during COVID 19 (Wave 4) - 9 March 2021

Published: 30 August 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Public Confidence in Policing - Public Briefing - July 2022

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Independent Custody Visiting Scotland Covid 19 update

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Fixed Penalty Notices During the Pandemic - Public Briefing - October 2021

Published: 18 April 2023