Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 2 - Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic
Coimeas eadar faightearan sanais-pheanais aon uaire agus còrr is aon uair
Chaidh càin a chur còrr is aon uair air beagan is aon às gach deich faightearan sanais-pheanais, ach lùghdaich coirean eile leis na h-aon daoine ri tìde aig àm a’ chiad ghlasaidh.
Cha robh eadar-dhealachadh mòr ann am pròifil nam faightearan aon-uair is ath-uaire a-rèir gnè, cinneadh no dùthaich thùsail; gidheadh, bha na daoine a fhuair dà no barrachd shanasan-peanais na bu shine, sa chumantas, na faightearan aon uaire.
Bha mu leth-chuid de dh’fhaightearan aon uaire is ath-uaire a’ fuireach san 20% de na nàbaidheachdan as easbhaidhiche an Alba, ach cha robh e na bu choltaiche gum faigheadh daoine a bha a’ fuireach ann an coimhearsnachd easbhaidheach còrr is aon sanas-peanais suidhichte.
Bha eachdraidh de dh’eucoirean aig a’ mhòr-chuid de dhaoine a fhuair sanas-peanais airson Riaghailtean Coròna a bhriseadh ron phandemic; gidheadh, bha faightearan ath-uaire gu math na bu bhuailtiche na faightearan aon uaire a bhith aithnichte don phoileas a-cheana. Mar a chithear san fhigear gu h-ìosal, bha faightearan de chòrr is aon sanas-peanais na bu eu-coltaiche a bhith clàraichte fo shiostam eachdraidh nan eucoirean airson a’ chiad turais an 2020 agus na bu choltaiche a bhith air an clàradh an toiseach bho chionn còrr is 20 bliadhna.
Dh’fhaodadh tuigse nas fheàrr air feartan, beusan is beatha nan daoine aig a bheil eachdraidh eucoireach an Alba a bhith feumail airson cnapan-starra do ghèilleadh a lorg, agus airson dèanamh cinnteach ann an dòighean nas fheàrr gun gèill am poball ri bacaidhean slàinte san àm ri teachd.