Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : covid-19

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 2 - Sanas-peanais suidhichte rè a’ phandemic


Cleachdadh nan sanasan (FPN) le Poileas Alba rè a’ phandemic

Fhuair sgrùdaidhean beachd a’ phobaill rè a’ phandemic gun robh muinntir na h-Alba cha mhòr gu tur aontach leis na Riaghailtean ùra, gu h-àraidh aig àm a’ ghlasaidh thùsail.

Gus dèiligeadh ri feadhainn nach do ghèill ris na Riaghailtean, lean Poileas Alba dòigh-obrach nan ‘4Es’ (i.e. Conaltradh, Mìneachadh, Brosnachadh agus Co-èigneachadh) far an robh an ceathramh fear ag amas am bitheantas air càch a bhris na riaghailtean gu follaiseach no uair is uair.

Rè a’ chiad ghreis-ghlasaidh (23 Màrt 2020), chlàraich oifigearan poileis 44,296 eadar-ghabhailean leis a’ phoball gu h-iomlan, far nach robh sanas-peanais air a lìbhrigeadh ach ann an 7.2% dhiubh.
Ghrad-èirich cleachdadh shanasan-peanais leis a’ phoileas rè a’ chiad trì seachdainean dhen phandemic gu an àirde tràth sa Ghiblean, ach chrom iad mean air mhean an dèidh sin thar tìde mar a chithear sa chlàr gu h-ìosal.

Chunnacas grad-dhìreadh ann an cleachdadh shanasan-peanais leis a’ phoileas air làithean math grèine, saor-làithean poblach is deireadh-sheachdainean, agus nuair a bhite a’ foillseachadh lasachadh air na bacaidhean.

Chaidh 4,327 sanasan-peanais a lìbhrigeadh gu 3,786 daoine, rud a tha a’ riochdachadh nas lugha na 0.1% de shluagh na h-Alba.

A-rèir aithisg Comhairle nan Ceannardan Poileis Nàiseanta, chaidh sia càintean a lìbhrigeadh airson gach 10,000 duine an Alba ’s sa Chuimrigh rè an ama seo an coimeas ri trì do gach 10,000 an Sasainn. Gidheadh, bha luach trì uiread nas àirde sna càintean ann an Sasainn, rud a dh’fhaodadh a bhith air stairsneach co-dhùnaidhean nan oifigearan a mheudachadh.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Updated Covid Fixed Penalty Notice Factsheet

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

SPA Public Confidence & Support Surveying during COVID 19 (Wave 4) - 9 March 2021

Published: 30 August 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Public Confidence in Policing - Public Briefing - July 2022

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Independent Custody Visiting Scotland Covid 19 update

Published: 18 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Fixed Penalty Notices During the Pandemic - Public Briefing - October 2021

Published: 18 April 2023