Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis
Stiùireadh SPA - Obair-phoileis air leas a’ phobaill
Tha am prionnsabal a thaobh “obair-phoileis air leas a’ phobaill” aig cridhe Dòigh-stiùiridh an Ùghdarrais air obair-phoileis ann an Alba. Tha rùn aig Plana Corporra 2020-23 airson lèirsinn sa bheilear ri ‘obair-phoileis air leas a’ phobaill’, rud a tha na bhun-stèidh do lìbhrigeadh sreath aonaichte de thoraidhean ro-innleachdail. Rinn an t-Ùghdarras sgrùdaidhean beachd a’ phobaill mar phrìomh phàirt den lèirsinn seo; tha e na chuideachadh a bhith a’ tuigsinn beachdan a’ phobaill ’s na tha gam brosnachadh airson fios a thoirt do stiùireadh obair a’ phoileis ann an Alba.
Chaidh èifeachd an dòigh-obrach seo a dhearbhadh ann an sgrùdaidhean pandemic SPA a thug tuigse air na bha am poball a’ fiosrachadh aig àm san robh cumhachdan is iarrtasan a’ phoileis air meudachadh gu mòr.