Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis
Sgrùdaidhean bheachd nàiseanta san fhad-ùine a thaobh èifeachdas a’ phoileis
Tha Sgrùdadh Eucoir is Ceartas na h-Alba (SCJS) air ìrean àrda earbsa sa phoileas a nochdadh gu cunbhalach (a’ meas an obair mar glè mhath, math no math gu ìre), leis a’ chuid as motha a’ saoilsinn gun robh am poileas ri obair ‘mhath’ agus beachdan san fharsaingeachd air cumail cunbhalach thairis air na bliadhnaichean – faic Figearan 4 agus 5.
Gheibhear mac-samhail de seo ann an Sgrùdadh-fòn Creineachdainn na h-Alba (SVTS) 2020 san do shaoil 82% de luchd-freagairt gun robh poileas san sgìre aca ri obair “Glè mhath/Math/Math gu ìre”.