Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis
Poileas Alba – Tuigse air fèin-fhiosrachadh luchd-cleachdaidh
Bidh Poileas Alba a’ dèanamh Sgrùdadh air Fèin-fhiosrachadh Luchd-cleachdaidh gach mìos airson obair-phoileis ionadail, ga lìbhrigeadh tro chom-pàirtiche rannsachaidh neo-eisimeileach Progressive Partnership Ltd. Tha an sgrùdadh ga lìbhrigeadh le teachdaireachd teacsa do shampall tuaireamach de mu 14,000 duine a chuir fios chun phoileis bho chionn goirid (an lùib seo, tha 101/999, conaltradh air-loidhne is poblach aig stèiseanan poileis, ach a’ fàgail às seòrsaichean eucoir/tachartais a bha fìor chugallach).
Tha an sgrùdadh ag iarraidh air daoine innse mu na dh’fhiosraich iad le seirbheisean poileis ionadail – a’ ruith air ciad chonaltradh, tuigse air feuman, oifigearan a bha an làthair (far a bheil sin iomchaidh) agus toileachas iomlan – gus an urrainn don t-seirbheis tuigse fhaighinn air slighe an neach-chleachdaidh ann am barrachd doimhneachd agus raointean a chomharrachadh airson leasachadh no mathas-cleachdaidh.
Eadar an Giblean 2021 agus am Màrt 2022, chrìochnaich 15,834 daoine an sgrùdadh Bha toileachas 68% ann a thaobh an fhèin-fhiosrachaidh iomlain aig an àm seo. Tha roinnean-seòrsa eile airson fèin-fhiosrachadh luchd-cleachdaidh mar a leanas agus a chithear ann am Figear 3 gu h-ìosal:
Bha toileachas 73% ann a thaobh furastachd conaltraidh;
Bha toileachas 84% ann a thaobh dòigh-dhèiligidh an neach-sheirbheis aig a’ chiad chonaltradh;
Bha 87% de luchd-freagairt am beachd gun robh an luchd-obrach a’ tuigsinn na bha a dhìth orra;
Bha toileachas 65% ann a thaobh freagairt iomchaidh fhaighinn;
Thuirt 55% de luchd-freagairt gun tugadh fios freagarrach dhaibh mu adhartas na cùise aca;
Bha toileachas 80% ann a thaobh nan oifigearan a bha an làthair.
Tha an dàta ag innse dhuinn cuideachd gu bheil an dòigh-chonaltraidh a ceart cho cudromach ’s a tha a’ bhuil do dhaoine fa leth. Fhuair anailis air teachdaireachdan teacsa fosgailte a thug luchd-freagairt gu bheil fèin-fhiosrachadh fàbharach a’ phobaill an crochadh ri:
Ruigsinneachd: furastachd conaltraidh, an lùib sin, ùineachan feitheimh 101, aithriseadh air-loidhne, a’ toirt fois-inntinn.
Èifeachd: proifeiseantachd, conaltradh soilleir, cumail fios ri daoine, a’ sealltainn cothromachd is spèis.
So-ruighinn: ag èisteachd gun lethbhreith, a’ toirt caoimhneas is co-fhulangas, gliocas cultarach (a’ cleachdadh cainnt ion-ghabhalach agus eòlas air iomadachd eadar agus am broinn choimhearsnachdan).
Ann an rannsachadh ùr-nodha a rinn Poileas Alba agus Victim Support Scotland, chuir luchd-tàrsainn eucoir cuideam air conaltradh èifeachdach a dh’fheumas a bhith ann eatorrasan, am poileas agus seirbheisean taice. Tha mathas a’ chonaltraidh is còmhdhalach, agus cur a-null clis gu seirbheisean taice a’ toirt buaidh air slànachadh an neach agus a’ lùghdachadh an dàil a dh’fhairichear a thaobh ceartas fhaighinn. A’ faighinn fios as ùr, a’ faireachdainn gu bheil taic iomchaidh ann agus a’ faighinn èisteachd dha-rìribh uile a’ cur ri misneachd is earbsa, agus a’ cuideachadh daoine gun a bhith aonranach no sgaraichte bho chàch. Tha buaidh aig gach conaltradh ris a’ phoileas - faodaidh aon droch-chòmhdhail cuideigin a chur dheth o bhith ag aithris eucoir agus a’ cur fios is a’ co-obrachadh leis a’ phoileas a-rithist.