Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis - Duilleag Fiosrachaidh - Iuchar 2022

Keywords : public confidence

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis


Measadh a-muigh air earbsa a’ phobaill - Teaghlaichean Albannach agus tuigse air Alba

Fhuair Sgrùdadh teaghlaichean na h-Alba 2020 gun robh earbsa ann an obair-phoileis aig 87% - an dàrna àite fo na seirbheisean slàinte a-mhàin (faic Figear 1). Fhuaras an ìre àrd earbsa seo a-rithist ann an aithisg Tuigse air Alba 2021. Le àireamh chuibheasach meidhichte den luchd-freagairt gu lèir san robh 10 co-ionann ri ‘làn-earbsa’ agus neoni ri ‘gun earbsa’, fhuair Poileas Alba sgòr 6.16 – faic Figear 2.

A bharrachd air seo, mheas 69% de luchd-freagairt don Tracair YouGove Bhreatannach (Iuchar 2019-Màrt 2022) gun robh an t-seirbheis ‘a’ dèanamh deagh-obair’. Bha seo an coimeas ri 58%-70% airson ceàrnan roinneil Bhreatainn. Tha seo ann an co-rèite ris an luach earbsa chuibheasach de 61% (seach freagairtean ‘chan eil fhios agam’) airson sgrùdadh a’ Phoileis Agadsa thairis air a’ ghreis-ùine 2020-22.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19 - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Published: 01 March 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Confidence in Policing

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Community confidence action research

Published: 22 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Latest factsheet on public confidence polling

Published: 18 April 2023