Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis
Dligheachd agus obair-phoileis le aonta
Gheibhear caochladh fianais, air a tional a-staigh agus bho thùsan a-muigh neo-eisimeileach, a’ comharrachadh an luaich bhrìgheil a chuireas ar co-shìobhaltaich is coimhearsnachdan air an t-seirbheis poileis aca. Tha an dàimh làidir seo leis a’ phoball riatanach airson obair-phoileis dhligheach.
Tha sgrùdaidhean, coltach ri feadhainn a chleachd sinn mar fhiosrachadh don aithisg seo, a’ comharrachadh gu bheil obair-phoileis fhaicsinneach deatamach airson dàimh a chumail suas agus a thogail leis a’ phoball. Bidh obair ionadail, ghleusta is so-fhreagrach, a tha a’ tighinn suas ri feuman coimhearsnachd, daonnan aig cridhe obair-phoileis ann an Alba.
Tha e ro-dheatamach gun èist iad riutha ’s gun tuig oifigearan is luchd-obrach a’ phoileis na feuman aig coimhearsnachdan eadar-mheasgte, a’ nochdadh co-fhaireachdainn ann an conaltradh agus a’ meudachadh an comais air freagairt iomchaidh a dhèanamh. Feumaidh seirbheisean leantainn orra a bhith buntainneach, ruigsinneach is èifeachdach airson sàbhailteachd is cor math a’ phobaill a dhearbhadh air feadh na h-Alba.
Tha rùn aig an ro-innleachd co-bhainnte airson obair-phoileis cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheilear a’ conaltradh ri Poileas Alba ’s sam faighear ceistean fhuasgladh, ag aithneachadh ’s a’ freagairt gu h-iomchaidh ri feuman dhaoine fa leth is choimhearsnachdan. Tha rùn aige cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil am poball a’ saoilsinn gu bheilear a’ cur luach orra, ag èisteachd riutha agus gu bheil iad fhèin a’ toirt buaidh air dòigh-obrach a’ phoileis.