Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis - Duilleag Fiosrachaidh - Iuchar 2022

Keywords : public confidence

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis


Brosnaichearan earbsa a’ phobaill – tuigsean bhon sgrùdadh Am Poileas Agadsa

’S e sgrùdadh ‘Am Poileas Agadsa’ sgrùdadh aig Poileas Alba a chuireadh air bhonn an 2019 airson èisteachd riutha, agus tuigse fhaighinn air beachdan coimhearsnachdan eadar-mheasgte na h-Alba. Bithear ga ùrachadh agus ga ruith gu leantainneach gach bliadhna air ùrlar Citizen Space. Tha cruthan ruigsinneach ann an leughadh furasta agus Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL) rim faotainn cuideachd. Thathar ga sgaoileadh gu farsaing am measg chom-pàirtichean aig ìrean ionadail is nàiseanta. ’S e sgrùdadh fosgailte, leantainneach a th’ ann sam faod duine sam bith pàirt a ghabhail agus am beachdan air an t-seirbheis poileis a thoirt seachad aig àm sam bith.

’S e an sgrùdadh aon de na dòighean a nì an t-seirbheis conaltradh ri coimhearsnachdan ionadail airson èisteachd ri beachdan mu am feuman, earbsa agus smuaintean air seirbheis a’ phoileis. Tha dàta agus tuigsean air an cleachdadh airson taic a chumail ri planadh ionadail a’ phoileis, leasachadh seirbheise agus geur-sgrùdadh.

Tha an graf gu h-ìosal (Figear 6) a’ sònrachadh ìrean earbsa bhon Ghiblean 2020 chun a’ Mhàirt 2022 (nuair a bheirear freagairtean chan eil fhios agam agus gun fhreagairt air falbh). Rè na h-ùine seo, bha ìre chuibheasach earbsa a’ phobaill aig 61%.

 

Faodaidh tachartasan a-muigh buaidh a thoirt air earbsa

Rinn Poileas Alba obair-rannsachaidh a nochd gum faod nithean bhon taobh a-muigh nach eil fo smachd a’ phoileis buaidh a thoirt air smuaintean agus earbsa a’ phobaill. Aig àm a’ phandemic, bha buaidh air earbsa a’ phobaill ann an obair a’ phoileis ri linn atharraichean air reataichean galarachaidh COVID-19 (2020-21) gu sgìreil agus gu nàiseanta; ri linn glasaidhean ionadail (Ìre Dìona 4) agus ri linn a’ ghlasaidh nàiseanta san Fhaoilleach 2021.

Am measg tachartasan nàiseanta is eadar-nàiseanta air an do luaidh am poball a thaobh dligheachd a’ phoileis, bha bàs George Floyd an làimh a’ phoileis agus an iomairt Black Lives Matter a thàinig na lorg, fuath-bhan agus fòirneart an aghaidh bhoireannaich is chaileagan an dèidh murt Sarah Everard, tribiunal Rhona Malone, agus mì-bheus foillsichte eile leis a’ phoileas.

 

Gheibhear trì prìomh bhrosnaichearan earbsa

Tha na trì brosnaichearan earbsa as àirde a’ nochdadh gu cunbhalach thairis air buidhnean is àiteachan sluaigh, mar a fhuaras bhon anailis chàileachdail seo. Tha na brosnaichearan seo co-eisimeileach agus gan cleachdadh airson conaltradh freagairteach, obair-phoileis sa choimhearsnachd, tachartasan agus iomairtean coiteachaidh:

Faicsinneachd agus Ruigsinneachd - làthaireachd ann an sgìrean ionadail a’ toirt fois-inntinn;

Luachan agus beusan - dè an ‘snuadh’ a th’ oirnn agus a’ taisbeanadh cothromachd, spèis agus trèibhdhireas; agus

Conaltradh coimhearsnachdail – a’ cumail ceangailte riutha agus fios ri coimhearsnachdan

Tha an anailis fhosgailte a chaidh dèanamh am broinn na seirbheis a’ ceangal nam brosnaichearan seo le nithean leithid a’ toirt daoine faireachdainn sàbhailte agus a’ tabhann fois-inntinn; ruigsinneachd is faotainneachd a’ phoileis ma dh’fheumar iad; agus, casg eucoir is dìon.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19 - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Published: 01 March 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Confidence in Policing

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Community confidence action research

Published: 22 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Latest factsheet on public confidence polling

Published: 18 April 2023