Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis - Duilleag Fiosrachaidh - Iuchar 2022

Keywords : public confidence

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 8 - Earbsa a’ phobaill ann an obair-phoileis


Anailis Crois-rathadach ‘Am Poileas Agadsa’ aig Poileas Alba

Tha earbsa ann an obair-phoileis ionadail aig ìslead ann am buidhnean deamografach bhon Scottish Index of Multiple Deprivation (SIMD) Quintiles 1 agus 2 (1 = as easbhaidhiche agus 5 = as neo-easbhaidhiche).

Rinn Poileas Alba anailis a fhuair gun robh na leanas am measg feadhainn as eu-coltaiche air earbsa a nochdadh:

daoine fa leth aig an robh fèin-aithne neo-bhìnearach no gnè eile;

daoine aig an robh fèin-aithne tar-ghnèitheach;

daoine aig an robh fèin-aithne gèidh;

daoine air an robh eucailean bodhaig agus slàinte-inntinn;

fulangaichean agus luchd-fianais air eucoir; agus

daoine à bailtean-mòra an coimeas ri sgìrean dùthchail is iomallach.

Bha na buidhnean seo a’ gabhail barrachd cùraim mu eucoir agus cha robh iad a’ faireachdainn cho sàbhailte. Rè 2020-21 bha iad na bu choltaiche saoilsinn cuideachd gum bu chòir don phoileas a bhith nas treasa airson gèilleadh a’ phobaill ri riaghailtean COVID-19 a chinnteachadh.

Airson earbsa aig na buidhnean seo a mheudachadh, feumaidh am poileas tuigse air cultar is eòlasan-beatha airson dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh iomchaidh agus taiceil. An lùib seo feumar fios a chumail ri coimhearsnachdan mu ciamar a tha poileas ionadail a’ toirt èisteachd dha-rìribh do na draghan aca agus a’ freagair ri eucoirean is tachartasan eile a bheir buaidh shònraichte air coimhearsnachdan iomadach. Tha e cuideachd ag iarraidh air Poileas Alba sealltainn gu follaiseach, soilleir gu bheil an t-seirbheis an-seo do dhaoine a tha air an iomall.

Tha anailis air freagairtean fosgailte san sgrùdadh Am Poileas Agadsa a’ nochdadh gum bu toigh le clann is daoine nas òige gun tabhainn Poileas Alba comhairle is oideachadh mun phròiseas aithrisidh is taic a tha an tairgse dhaibh ma dh’fhuiling iad no ma chunnaic iad eucoir. Tha daoine LGBTQ a’ nochdadh miann airson conaltradh seaghail leis a’ choimhearsnachd agus gnìomhan gus eucoir gràine a bhacadh. Tha daoine ciorramach feumach air conaltradh ruigsinneach agus roghainnean còmhdhalach, nam measg, cleachdadh leudaichte BSL, agus a’ toirt freagairt do thachartasan a bheir buaidh thar na còrach air coimhearsnachdan a tha air an iomall ann am beatha na dùthcha.

Thathar ri obair leantainneach a’ leasachadh an dòigh sa bheil sinn ag èisteachd agus a’ freagairt ri feuman nan coimhearsnachdan as gann a chluinnear gus an urrainn dhuinn conaltradh gu h-èifeachdach ris gach coimhearsnachd anns na dòighean as iomchaidh is taiceile.

Ged a bhios earbsa a’ phobaill gu tric a’ luasgadh air sgàth nithean coitcheann, tha e soilleir bhon t-samplachadh chunbhalach mu obair-phoileis ionadail ann an Sgrùdadh Fèin-fhiosrachadh an Luchd-cleachdaidh gu bheil am meas aig daoine air obair-phoileis a’ mairsinn cunbhalach agus àrd. Tha seo a’ nochdadh ann am Figear 14 gu h-ìosal airson àm a’ Ghiblean 2020 chun a’ Mhàirt 2022.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Sgrùdadh earbsa a’ phobaill - COVID-19 - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Published: 01 March 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Confidence in Policing

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Community confidence action research

Published: 22 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Latest factsheet on public confidence polling

Published: 18 April 2023