Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : RPAS human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 3 - Drònaichean


Sùil air adhart

Tha rùn aig Poileas Alba agus Ùghdarras Poileas na h-Alba airson ar n-obair a dhèanamh le aonta agus air leas a’ phobaill. Tha an dòigh-obrach làithreach air cleachdadh dhrònaichean co-chòrdail ris an rùn seo agus bidh sinn daonnan a’ luachadh ’s a’ measadh gus ar cleachdadh dhrònaichean a leasachadh.

Cuideachd, tha Poileas Alba air teicneòlas downlink a cheannach bho chionn ghoirid airson nan drònaichean. Bheir seo comas do neach-iomairt an dròin pìos craolaidh beò a sheòladh bhon chamara gu Rùm Smachd an Raoin (ACR), a’ solar fiosrachadh fìor-ama agus fios air an t-suidheachadh do Chomanndair Poileis.

Bidh teicneòlas a’ sìor atharrachadh agus tha e riatanach gun cùm obair-phoileis ceann an amail ris. Ma thig atharrachadh sam bith air an dòigh sa bheil am poileas a’ cleachdadh dhrònaichean an-dràsta, nì Ùghdarras Poileas na h-Alba measadh cùramach agus thèid beachdan eòlaichean is prìomh chom-pàirtichean iarraidh.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS Update - 15 June 2023

Published: 15 June 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Remotely Piloted Aircraft System (RPAS/Drones) Evaluation Report - 17 November 2020

Published: 06 September 2022