Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : RPAS human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 3 - Drònaichean


Dè na barantasan sàbhailteachd a tha suidhichte?

Tha gach iomairt dròin le Poileas Alba air a riaghladh le Ùghdarras nan Itealan Sìobhalta (CAA) agus a’ gèilleadh gu h-iomlan ri reachdas na h-itealanachd. Tha CAA air Cead Stannardach agus Ùghdarrachas Obrachail a thoirt do Phoileas Alba gus drònaichean iomairt mar thaic do dh’obair a’ phoileis ann an àrainnean bailteach agus dùthchail.

Comas-adhair Poileas Alba (bhon Chèitean 2021)

Drònaichean 3x DJI M210
Drònaichean 4x DJI Phantom
1x Heileacoptair

Tha obair drònaichean Poileas Alba an-dràsta stèidhichte air foillseachan Oifis na Dùthcha 2013 ‘Surveillance Cameras Code of Practice’. Tha an sgrìobhainn seo air iomradh gu farsaing le Feachdan Poileis Shasainn ’s na Cuimrigh oir tha i a’ toirt bun-stiùireadh air prionnsabalan a tha mar frèam-obrach do luchd-iomairt dhrònaichean, air chor ’s gu bheil an cleachdadh shiostaman cothromach is soilleir. Tha Poileas Alba a-nis a’ dealbhadh a Riaghailt-chleachdaidh fhèin a bhios ag amas gu sònraichte air iomairt dhrònaichean le Poileas Alba. Bidh an Riaghailt-chleachdaidh seo ri fhaighinn gu poblach.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS Update - 15 June 2023

Published: 15 June 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Remotely Piloted Aircraft System (RPAS/Drones) Evaluation Report - 17 November 2020

Published: 06 September 2022