Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : RPAS human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 3 - Drònaichean


Dè a th’ ann an drònaichean?

Nuair a smaoinichear air speuran an ama ri teachd, ’s e drònaichean an teicneòlas as motha a thig gu aire, agus uaireannan theirear Siostaman itealain fo stiùireadh cèin (RPAS) no Carbadan-adhair gun chriutha (UAVan) riutha. ’S e cnag na cùise gur e meanbh-itealan a th’ ann an dròn as urrainnear stiùireadh bhon talamh le uidheam-smachd cèin. Bho shean, cha b’ e ach luchd-airm a fhuair trèanadh sònraichte agus dealasaich nam plèanaichean-modail a bhiodh a’ cleachdadh drònaichean. An-diugh, ri linn leasachaidhean leantainneach ann an teicneòlas agus cosgaisean nas lugha, tha n dhòighean le iomadh roinn den t-sluagh.

Mar eisimpleir, tha drònaichean gan cleachdadh an-dràsta le luchd na sìde airson ro-fhios nas fheàrr a bhith aca air an aimsir , le tuathanaich a tha airson dòighean àiteachais fheabhasachadh, agus le sgiobannan mòr-thubaistean a tha ag ùisneachadh drònaichean airson taic is cobhair riatanach a thabhann aig amannan èiginn.

Thathar a’ fàisneachd gum faodar drònaichean a ghnàthachadh mar mhodh-lìbhrigidh airson bathair luchd-ceannaich sna beagan bhliadhnaichean ri thighinn , agus a bhith nam pàirt àbhaisteach de thaisbeanadh-solais aig consairtean no dealbh-chluichean mòra.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS Update - 15 June 2023

Published: 15 June 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Remotely Piloted Aircraft System (RPAS/Drones) Evaluation Report - 17 November 2020

Published: 06 September 2022