Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 3 - Drònaichean
Cur-an-gnìomh is cleachdadh an teicneòlais le Poileas Alba
Tha Poileas Alba air drònaichean a chleachdadh mar thaic do an dleastanas airson am poball a dhìon bhon Chèitean 2019. ’S e DJI M210 am prìomh dhròn obrachail aig Poileas Alba – cuad-coptair le buanas 20 mionaid a thìde – a tha air a chleachdadh le grunn fheachdan poileis agus luchd-cleachdaidh coimearsalta air feadh Bhreatainn agus an t-saoghail gu lèir.
Tha na drònaichean M210 aig Poileas Alba air an uidheamachadh le siostam-camara aig a bheil dà mhothaichear agus dealbhadh tearmail. Togar dealbhan leis a’ chamara air muin an dròin agus boillsgear iad a dh’ionnsaigh aonad air an talamh a tha fo smachd neach-iomairt camara.
Tha sealbh aig Poileas Alba air drònaichean DJI Phantom cuideachd. Chan eil comas dealbhaidh thearmail aig na drònaichean nas lugha seo agus cleachdar iad mar as trice airson trèanadh oifigearan. Tha 10 oifigearan poileis air an trèanadh an-dràsta gus drònaichean iomairt; ceathrar an Obar Dheathain; dithis an Inbhir Nis agus ceathrar an Glaschu.
’S urrainn do dhrònaichean Poileas Alba a chuideachadh le seòrsaichean tachartais eadar-dhealaichte bho lorg dhaoine a tha a dhìth gu bhith a’ sgrùdadh chuirmean ro-eagraichte agus a’ togail dealbhan bhon adhar de làraichean no tachartasan eucoir. Eadar 1 Cèitean 2019 agus 31 Cèitean 2021, chaidh drònaichean Poileas Alba a chleachdadh 215 tròthan. Mar as trice, bhite gan cur an gnìomh airson dealbhan a thogail no cuideachadh le lorg dhaoine a bha a dhìth (seall am bogsa fiosrachaidh gu h-ìosal).
Tha grunn bhuannachdan cudromach an lùib cleachdadh dhrònaichean le Poileas Alba. Tha aon heileacoptair aig Poileas Alba nach urrainear cur an gnìomh air uairean le cor na h-aimsir, cruth-tìre doirbh no ma tha e air falbh a’ cuideachadh le tachartas ann an ceàrn eile den dùthaich. ’S urrainnear drònaichean a chur a-mach an àite heileacoptair gu soirbh, rud a tha a’ neartachadh comas Poileas Alba air taic adhair. ’S urrainn do na drònaichean DJI M210 aig Poileas Alba gnìomhachadh le beag-fhaicsinneachd agus ann am faisgead cruth-tìre dhoirbh (m.e. faisg air aghaidh creige no duilleach dùmhail). Ma gheibhear drònaichean is oifigearan ullaichte an Obar Dheathain, Inbhir Nis is Glaschu, bheir seo comas don phoileas ionadail grad-fhreagairt ri tachartasan a dh’fheumas taic adhair ann an cabhaig, ged a bhiodh heileacoptair poileis ri làimh no nach bitheadh.
Tha heileacoptair poileis a’ caitheamh meud mòr connaidh agus tha e cosgail ri iomairt. Ged a tha e ro-bhuannachdail do Phoileas Alba, ’s urrainnear drònaichean a chleachdadh an àite heileacoptair poileis airson a bhith a’ caomhnadh gu mòr air chosgaisean agus cur ri lùghdachadh ann an sgaoilidhean carboin.