Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 3 - Drònaichean
Carson a chleachdadh sinn drònaichean ann an obair-phoileis?
Ged a tha teicneòlas dròna air a bhith ann bho mheadhan na 20mh linn, cha do thòisichear air a bhith gan co-cheangal ri obair sàbhailteachd a’ phobaill agus mar thaic do ghnìomhachd poileis àraidh air feadh an t-saoghail gus na deich bliadhna mu dheireadh.
Ann an Canada, tha am Poileas-eachraidh Rìoghail a’ cleachdadh drònaichean mar chobhair-adhair do dh’obair lorg is teasairginn ann an ceàrnan is cruth-tìrean iomallach . Tha uidheaman le camara air an cleachdadh cuideachd le còrr is leth-chuid de na 26 feachdan-poileis cantonach san Eilbheis , mar as trice airson dealbhan de thubaistean trafaig a ghlacadh bhon adhar.
Air feadh Bhreatainn, tha mòran roinnean-poileis ag ùisneachadh drònaichean air grunn adhbharan. ’S fhiach toirt fa-near gun do chleachd Poileas Siorrachd Lincoln drònaichean le comas sganaidh tearmail gus tuathanachas mòr lusan-cainb a lorg; agus chuir Poileas Norfolk drònaichean an gnìomh airson sluaghan a riaghladh agus ann an cùisean rian phoblaich.
Leis mar a chaidh cleachdadh dhrònaichean am meud san RA agus dùthchannan eile, tha sgrùdadh nas gèire a-nis ga dhèanamh a thaobh dè a’ bhuaidh a bheir iad air beatha shìobhaltaich. A-nise, gabhaidh teicneòlas meudaichte leithid modaladh le sganadh-3D, faisneis thearmail agus anailis beò-meatrach fìor-ama a chleachdadh le uidheaman dròna. Ri linn seo, bu chòir dhuinn dearbhadh gu bheil marasgladh agus modhan iomairt soilleir, diongalta ga chur an-sàs nuair a smaoinichear air an t-seòrsa obair don urrainnear drònaichean a chleachdadh.