Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

Drònaichean - Duilleag Fiosrachaidh - Dàmhair 2021

Keywords : RPAS human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 3 - Drònaichean


Barantas do shìobhaltaich

Mus tèid a chur an gnìomh, feumaidh gach teicneòlas, gu seachd àraidh teicneòlasan ann an obair-phoileis, beachdachadh geur. Mur cumar smachd orra gu cùramach, thathar ag aithneachadh gum faodadh cleachdadh dhrònaichean ann an obair-phoileis buaidh a thoirt air còraichean daonna leithid Saorsa Tionail is Co-cheangail (Alt 11), Saorsa Labhairt (Alt 10), Saorsa Creideimh (Alt 9), agus a’ Chòir Prìobhaideachd (Alt 8). Gidheadh, le frèam-riaghlaidh làidir agus dòigh-obrach stèidhichte air còraichean daonna gus buaidh nan drònaichean a mheasadh ann an diofar sheaghan sòisealta, bidh Poileas Alba air thoiseach a thaobh cuir-an-gnìomh eiticeil den teicneòlas.

Gabhaidh Poileas Alba ceumannan gus am poball a chur air an aire nuair a bhithear ag iomairt dhrònaichean. Mairidh oifigearan a bhios ag iomairt an dròin faisg air gus an t-uidheam a chumail nam fianais, caithidh iad èideadh fìor-fhaicsinneach agus bidh carbad poileis comharraichte air an àrainn. Mas urrainnear, foillsichear brathan air na meadhanan sòisealta (@polscotair) agus nithear conaltradh le daoine san sgìre mus tèid an dròn a chur air sgèith.

Coltach ri gach teicneòlas ur, tha buaidh ann a thaobh chòraichean daonna, co-ionnanachdan agus beusalachd. Feumaidh iad seo beachdachadh cùramach agus, ma dh’fheumar, ceuman airson daoine agus buidhnean a dhìon.

Tha rùn aig Poileas Alba airson ar n-obair a dhèanamh le aonta agus cha chuir sinn drònaichean an gnìomh ach air adhbhar dligheach, far a bheilear ga mheas deatamach is iomchaidh sin a dhèanamh. Chan eilear a’ cur drònaichean an gnìomh airson gnìomhan-faire os-ìosal a dhèanamh. Rinneadh Measadh Buaidh air Dìon Fiosrachaidh (DPIA) agus Measadh Buaidh air Co-ionannachdan is Còraichean daonna (EqHRIA) mus deach drònaichean a chur an gnìomh sa Chèitean 2019. Tha iad seo air an ath-sgrùdadh is ùrachadh gu bliadhnail mar shamhla de na h-atharraichean ann an reachdas, poileasaidh is teicneòlas.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS Update - 15 June 2023

Published: 15 June 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

RPAS (Drones) Update - 11 October 2022

Published: 23 November 2022

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Remotely Piloted Aircraft System (RPAS/Drones) Evaluation Report - 17 November 2020

Published: 06 September 2022