Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill - Duilleag Fiosrachaidh - Dùbhlachd 2021

Keywords : COP26 public confidence human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 7 - COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill


Tuigse dhomhainn

Bha a’ mhòr-chuid (60%) den luchd-freagairt gu leir taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis aig àm COP26.

Bha boireannaich na bu thaiceile don dòigh-obrach na fireannaich.

Cha robh luchd-freagairt nas òige (16-34) cho taiceil/fàbharach ’s a bha luchd-freagairt nas sine.

Tha mòr-chuid chudromach den luchd-freagairt gu lèir a’ smaoineachadh gu bheil obair-phoileis timcheall luchd-iomairt is luchd-coiteachaidh aig tachartasan leithid COP26 dùbhlanach, doirbh don phoileas (77%) agus gun do rinn Poileas Alba deagh obair a’ dèanamh cinnteach gun robh caismeachdan is iomairtean (63%) air an deagh stiùireadh agus gun cualas guthan an luchd-coiteachaidh (65%).

Shaoil a’ mhòr-chuid gun robh Poileas Alba math air buaireadh sam bith a bharrachd a rinneadh le ploighean sìtheil ach mì-laghail, leithid stopadh rathaidean (56%), a chumail sìos.

Thagh roinn chudromach den luchd-freagairt ‘chan eil fhios agam’ no ‘chan eil beachd agam’ airson gach ceiste; agus

Cha robh ach eadar 3-4% de luchd-freagairt air compàirt a ghabhail ann an tachartasan, coiteachadh no caismeachdan aig àm COP26.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Policing of COP26 Final Report - 23 June 2022

Published: 06 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

COP26 - Policing the Protests

Published: 22 August 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Support for Police Scotland’s policing approach to COP26

Published: 07 February 2023