Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill - Duilleag Fiosrachaidh - Dùbhlachd 2021

Keywords : COP26 public confidence human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 7 - COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill


Obair-phoileis an lùib chom-pàirtean co-strìtheach

Tha 54% de luchd-freagairt ‘Ag aontachadh gu mòr/Ag aontachadh’ gun do dh’aithnich Poileas Alba nan dòigh-obrach aig COP26 an liuthad chom-pàirtean co-strìtheach a bha an-sàs, agus meudaichidh seo gu 66% nuair a bheirear freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh.

Tha 77% de luchd-freagairt ‘Ag aontachadh gu mòr/Ag aontachadh’ gu bheil obair-phoileis timcheall luchd-iomairt is luchd-coiteachaidh aig mòr-thachartasan coltach ri COP26 dùbhlanach, doirbh, agus meudaichidh seo gu 83% nuair a bheirear freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh.

Tha a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt, ge be air bith an gnè, ‘Ag aontachadh gu mòr/Ag aontachadh’ gun do dh’aithnich Poileas Alba nan dòigh-obrach aig COP26 an liuthad chom-pàirtean co-strìtheach a bha an-sàs agus gu bheil obair-phoileis timcheall luchd-iomairt dùbhlanach, doirbh do na feachdan-poileis. Bha boireannaich na bu bhuailtiche a bhith ‘Ag aontachadh gu mòr/Ag aontachadh’ na fireannaich ris an dà aithris.

Nuair a bheirear freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh, mheudaich aonta nam ban gu 71% a thaobh aithne air com-pàirtean co-strìtheach agus 85% a thaobh aithne air doirbhead an dùbhlain.  Do na fireannaich, mheudaich seo gu 61% agus 80% air leth.

’S fhiach toirt fa-near gun robh aonta a thaobh doirbhead cus na bu mhotha na bha airson aithneachadh chom-pàirtean co-strìtheach.

Tha Figear 2 gu h-ìosal a’ nochdadh gu bheil cuid nas motha de luchd-freagairt, ge be an aois, ‘Ag aontachadh gu mòr/Ag aontachadh’ gun do dh’aithnich Poileas Alba nan dòigh-obrach aig COP26 an liuthad chom-pàirtean co-strìtheach a bha an-sàs agus gu bheil obair-phoileis timcheall luchd-iomairt aig tachartasan leithid COP26 dùbhlanach, doirbh do na feachdan-poileis.

Mar bu shine na h-aoisean, ’s ann na bu bhuailtiche a bha iad air ‘Ag aontachadh gu mòr/Ag aontachadh’ a thaghadh airson an dà aithris. Bha sgaradh 31 puingean de cheudad eadar aoisean 16-34 agus 65+ a thaobh cò a bha ag aontachadh gun do dh’aithnich dòigh-obrach a’ phoileis an liuthad chom-pàirtean co-strìtheach a bha an-sàs.  Nuair a bheirear na freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh, tha taic a’ dol bho 49% de dh’aoisean 16-34 gu 77% de dh’aoisean còrr is 65 bliadhna.

Bha sgaradh 17 puingean a cheudad eadar na h-aoisean 16-34 agus 65+ cuideachd a thaobh cò a bha ag aontachadh gu bheil obair-phoileis timcheall luchd-iomairt agus luchd-coiteachaidh dùbhlanach, doirbh do na feachdan-poileis aig tachartasan leithid COP26. Nuair a bheirear na freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh, tha taic a’ dol bho 76% de dh’aoisean 16-34 gu 90% den fheadhainn os cionn 55.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Policing of COP26 Final Report - 23 June 2022

Published: 06 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

COP26 - Policing the Protests

Published: 22 August 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Support for Police Scotland’s policing approach to COP26

Published: 07 February 2023