Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 7 - COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill
Fiosrachadh Teicnigeach
Dhealbh SPA an sgrùdadh seo le taic bho Diffley Partnership agus chaidh a lìbhrigeadh tron Phannal Air-loidhne ScotPulse. Fhuair an sgrùdadh, a rinneadh bho 24-28 Samhain 2021, 1,009 freagairtean bhon t-sluagh inbheach, aois 16+, thairis air mòr-roinn còd-puist G.
Tha an anailis san duilleag-fiosrachaidh seo tuairisgeulach agus cha ghabh na toraidhean a chleachdadh gu coitcheann do shluagh na h-Alba. Gus na toraidhean a rannsachadh dhut fhèin, tha thu di-beathte tadhal air làrach-lìn SPA an-seo airson sealltainn air na clàran-dàta.