Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill - Duilleag Fiosrachaidh - Dùbhlachd 2021

Keywords : COP26 public confidence human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 7 - COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill


Dòigh-obrach a’ phoileis aig COP26

Bha a’ mhòr-chuid (60%) den luchd-freagairt gu lèir taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis aig àm COP26.  Gidheadh, meudaichidh seo gu 79% nuair a bheirear an fheadhainn a fhreagair “chan eil fhios/beachd agam” air falbh bhon iomlan.

Clàr 1: Dòigh-obrach a’ phoileis aig COP26 (%)
Tha mi a’ toirt mo làn-thaic/thaic do dhòigh-obrach a’ phoileis - 60%
Chan eil mi/chan eil mi idir taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis - 16%
Chan eil fhios/beachd agam - 24%

Bha boireannaich nas dualtaiche bhith taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis aig àm COP26 na fireannaich (61% gu 58%), ged a mheudaicheas seo gu 84% agus 75% nuair a bheirear air falbh freagairtean chan eil fhios/beachd agam.

Clàr 2: Dòigh-obrach a’ phoileis aig COP26 – Gnè (%)
Tha mi a’ toirt mo làn-thaic/thaic do dhòigh-obrach a’ phoileis - Fireannaich 58%. Boireannaich 61%.
Chan eil mi/chan eil mi idir taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis - Fireannaich 19%. Boireannaich 12%.
Chan eil fhios/beachd agam - Fireannaich 23%. Boireannaich 27%.

Bha taic a’ meudachadh le aois cuideachd, oir bha 40% de luchd-freagairt aois 16-34 a’ toirt an làn-taic no taic don dòigh-obrach an coimeas ri 77% de luchd-freagairt aois 65 no nas sine. Ged a bha 40% de dhaoine aois 16-34 taiceil, seo an fhreagairt a bu bhitheanta fhathast agus nas àirde na feadhainn a dh’aithris nach robh iad taiceil (26%). Nuair a bheirear na freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh, meudaichidh taic gu 60% de dhaoine aois 16-34, 81% aois 35-44, 85% aois 45-54, 88% aois 55-64 agus 92% aig feadhainn còrr is 65 bliadhna a dh’aois.

Clàr 3: Dòigh-obrach a’ phoileis aig COP26
Tha mi a’ toirt mo làn-thaic/thaic do dhòigh-obrach a’ phoileis - Aois 16-34 40%. Aois 35-44 61%. Aois 45-54 65%. Aois 55-64 73%. Aois 65+ 77%.
Chan eil mi/chan eil mi idir taiceil do dhòigh-obrach a’ phoileis - Aois 16-34 26%. Aois 35-44 Aois 45-54 15%. 11%. Aois 55-64 10%. Aois 65+ 7%.
Chan eil fhios/beachd agam - Aois 16-34 34%. Aois 35-44 24%. Aois 45-54 24%. Aois 55-64 17%. Aois 65+ 16%.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Policing of COP26 Final Report - 23 June 2022

Published: 06 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

COP26 - Policing the Protests

Published: 22 August 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Support for Police Scotland’s policing approach to COP26

Published: 07 February 2023