Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 01 March 2024

COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill - Duilleag Fiosrachaidh - Dùbhlachd 2021

Keywords : COP26 public confidence human rights

Report Summary

Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.

Duilleag Fiosrachaidh 7 - COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill


Dèanadas a’ phoileis aig COP26

Chaidh faighneachd do luchd-freagairt dè cho math no dona a rinn Poileas Alba mu choinneamh ceithir rudan ri lìbhrigeadh.

Shaoil a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt gun do lìbhrig Poileas Alba co-labhairt shàbhailte do mhuinntir Ghlaschu agus luchd-turais (71% agus 72%), gun do rinn Poileas Alba cinnteach gun robh caismeachdan is iomairtean air an deagh stiùireadh agus gun robh cead aig luchd-caismeachd is luchd-coiteachaidh an guthan a thogail (63% agus 65%).

Nuair a bheirear chan eil fhios/beachd agam air falbh, chithear na leanas: Lìbhrig Poileas Alba co-labhairt shàbhailte airson muinntir Ghlaschu is luchd-turais (84% agus 89%), ’s gun do rinn Poileas Alba cinnteach gun robh caismeachdan is iomairtean air an deagh stiùireadh, ’s gun robh cead aig luchd-caismeachd is luchd-coiteachaidh an guthan a thogail (83% agus 84%).

Shaoil cuid nas motha de luchd-freagairt gun do rinn Poileas Alba “Glè mhath/Math gu ìre” ge be an aois thairis air na ceithir rudan ri lìbhrigeadh. Gidheadh, anns a’ chumantas, bha luchd-freagairt nas sine na bu bhuailtiche “Glè mhath/Math gu ìre” a thaghadh na an fheadhainn nas òige, le sgaradh 20 puing de cheudad no barrachd eadar na h-aoisean 16-34 agus 65+ thairis air gach rud ri lìbhrigeadh.
Nuair a bheirear chan eil fhios/beachd agam air falbh tha taic a’ dol bho 68% gu 78% sna h-aoisean 16-34, 83% gu 93% sna h-aoisean 35-44, 86% gu 91% sna h-aoisean 45-54, 91% gu 97% sna h-aoisean 55-64 agus 93% gu 97% sna h-aoisean còrr is 65 bliadhna.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Policing of COP26 Final Report - 23 June 2022

Published: 06 April 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

COP26 - Policing the Protests

Published: 22 August 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Support for Police Scotland’s policing approach to COP26

Published: 07 February 2023