Report Summary
Chaidh an sreath seo de dhuilleagan fiosrachaidh, a tha air an amas don phoball agus furasta a chleachdadh, a dheasachadh gus sealladh a thoirt air na buannachdan aig dòighean obair-phoileis ùra agus aig leasachaidhean a tha ri thighinn, na poileasaidhean a bhios gan riaghladh, agus dè tha seo a’ ciallachadh a thaobh chòraichean eiticeil, prìobhaideachd is daonna.
Duilleag Fiosrachaidh 7 - COP26 Sgrùdadh beachd a’ phobaill
A’ cumail sìos buaireadh a bharrachd
Chaidh faighneachd do luchd-freagairt dè cho math ’s a rinn Poileas Alba air buaireadh a bharrachd le coiteachadh sìtheil, ach mì-laghail, a chumail sìos. Bha 56% de luchd-freagairt am beachd gun do rinn Poileas Alba ‘Glè mhath/Math gu ìre’ agus meudaichidh seo gu 68% nuair a bheirear freagairtean chan eil fhios/beachd agam air falbh bhon iomlan.
Clàr 6: A’ cumail sìos buaireadh a bharrachd (%)
Glè mhath/Math gu ìre - 56%
Glè dhona/dona gu ìre - 26%
Chan eil fhios agam - 18%
Shaoil a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt gun do rinn Poileas Alba “Glè mhath/Math gu ìre” a thaobh buaireadh a bharrachd a chumail sìos ge be an gnè. Bha boireannaich na bu bhuailtiche air “Glè mhath/Math gu ìre” a thaghadh na fireannaich. Nuair a bheirear freagairtean chan eil fhios agam air falbh, thagh 74% de bhoireannaich agus 63% de dh’fhireannaich “Glè mhath/Math gu ìre”.
Clàr 7: A’ cumail sìos buaireadh a bharrachd
Glè mhath/Math gu ìre - Fireannaich 54%. Boireannaich 58%.
Glè dhona/dona gu ìre - Fireannaich 32%. Boireannaich 21%.
Chan eil fhios agam - Fireannaich 14%. Boireannaich 21%.
Shaoil a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt os cionn 35 bliadhna a dh’aois gun do rinn Poileas Alba ‘Glè mhath/Math gu ìre’ air buaireadh a bharrachd a chumail sìos, ach shaoil cuid na bu mhotha de dh’aoisean 16-34 gun do rinn Poileas Alba ‘Glè dhona/dona gu ìre’.
Nuair a bheirear chan eil fhios/beachd agam air falbh tha taic a’ meudachadh gu 47% sna h-aoisean 16-34, 71% sna h-aoisean 35-44, 79% sna h-aoisean 45-54, 80% sna h-aoisean 55-64 agus 83% sna h-aoisean còrr is 65 bliadhna.
Clàr 8: A’ cumail sìos buaireadh a bharrachd
Glè mhath/Math gu ìre - Aois 16-34 39%. Aois 35-44 55%. Aois 45-54 65%. Aois 55-64 67%. Aois 65+ 70%.
Glè dhona/dona gu ìre - Aois 16-34 44%. Aois 35-44 22%. Aois 45-54 17%. Aois 55-64 17%. Aois 65+ 14%.
Chan eil fhios agam - Aois 16-34 17%. Aois 35-44 23%. Aois 45-54 18%. Aois 55-64 16%. Aois 65+ 16%.