Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 20 November 2023

Co-ro-innleachd airson Obair-phoilis 2023 Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Report Summary

Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.

Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.

Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.

Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.


Ro-ràdh

Tha obair a’ phoilis na bunait airson sàbhailteachd is foghainteachd muinntir na hAlba. Tha ath-leasachadh Poilis gu ruige seo air piseach a thoirt an t-seirbheis gun teagamh, ach tha barrachd ri dhèanamh gus a bhith cinnteach gu bheil obair a’ phoileas ann an Alba uidheamaichte agus a’ faighinn taic gus a dhleastanasan a choileanadh. Tha obair-phoilis Albannach a’ faighinn buannachd bho earbsa agus misneachd phoblach làidir. Tha am Plana Poilis Ro-innleachdail seo a’ feuchainn ri togail air sin gus tuilleadh bhuaidhean adhartach a bhrosnachadh airson Alba nas sàbhailte. https://www.gov.scot/collections/scottish-crime-and-justice-survey

Tha buaidh mhòr aig deamografachdan chaochlaideach na h-Alba air mar a dh’fheumas seirbheisean poblach obrachadh còmhla gus na daoine as so-leònte nar coimhearsnachdan a dhìon. Tha cruth-tìre na h-Alba farsaing agus eadardhealaichte, bho dhùmhlachd nam bailteil gu sgìrean iomallach air an dùthaich, an oirthir agus na h-eileanan.

Tha coimhearsnachdan na h-Alba, ge bith an ann stèidhichte air cruinn-eòlas no ùidh, a’ fàs eadhon nas iom-fhillte. Gu h-eachdraidheil, bha coimhearsnachdan stèidhichte air àite sònraichte, ach tha seo air a bhith ag atharrachadh airson greis. Tha fàs teicneòlas didseatach agus adhartas nam meadhanan sòisealta, an cois feum dhaoine a bhith a’ ceangal ri chèile agus a’ faireachdainn buinteanas, air coimhearsnachdan ùra a thòiseachadh a rèir dearbh-aithne agus ùidhean coitcheann. Tha a-nis mòran sheòrsaichean ceangail againn, a’ toirt chothroman do dhaoine dearbh-aithne a lorg anns na ceanglaichean a tha iad a’ dèanamh, an dà chuid gu bhirtual agus gu corporra. Far a bheil na cothroman sin nas laige, tha barrachd cunnairt ann gun tachair eucoir, leis gu bheil buidhnean eucoir a’ lìonadh na beàirn.

Feumaidh obair-phoilis ann an Alba a bhith èifeachdach gu gnìomhachail agus le fòcas air co-obrachadh gus coinneachadh ri iarrtasan cudromach a tha a’ sìor fhàs iom-fhillte. Tha nàdar eucoir ag atharrachadh, le eucoirean traidiseanta a’ sìor thoirt a-steach eileamaid dhidseatach. Thathas ag iarraidh air na Poilis a bhith a’ freagairt ri raon farsaing de chunnartan aig àm nuair a tha fòirneart an aghaidh nan seirbheisean èiginn fhathast na dragh.

O chionn ghoirid tha Poileas Alba air dearbhadh gu bheil neart mòr agus luach poblach ann an dòigh-obrach poilis nàiseanta stèidhichte air còraichean daonna. Tha eisimpleirean a’ toirt a-steach obair-phoilis rè amannan fada de chuingealachaidhean poblach ri linn galar lèir-sgaoilte COVID-19, a bharrachd air lìbhrigeadh soirbheachail agus tèarainte de thachartasan cruinneil leithid an 26mh Co-labhairt nam Pàrtaidhean air Atharrachadh Clìomaid nan Dùthchannan Aonaichte (COP26) ann an Glaschu. O chionn ghoirid, chaidh buannachdan an dòigh-obrach a nochdadh anns a’ ghluasad sa bhad mar fhreagairt do bhàs A Mòrachd a’ Bhanrigh Ealasaid II fhad ‘s a bha obair-phoilis làitheil ga cumail a’ dol.

Tha cuideam eaconamach air feadh na roinne phoblaich, le àrdachadh leantainneach san iarrtas. Bidh e a-riamh nas cudromaiche a bhith a’ toirt seachad an cuideachaidh a tha a dhìth orra leis gu bheil cosgais bith-beò ag adhbhrachadh so-leòntachd agus feum ann an coimhearsnachdan. Tha dùbhlain ionmhais a’ cur seirbheisean poblach uile fo chuideam, a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air obair-phoilis mar a bhios feumalachdan coimhearsnachd a’ fàs nas èiginnich agus nas luaithe, agus a dh’fhaodadh a bhith air an gluasad às obair-phoilis, a tha cho tric mar a’ chiad agus an roghainn mu dheireadh.

Leanaidh Poileas Alba ris a’ phrògram cruth-atharrachaidh aca gus dèanamh cinnteach gum bi tarbhachd agus èifeachdas nas fheàrr taobh a-staigh an riarachadh ionmhasail, agus aig an aon àm a’ cur an cèill gu soilleir an ìre de ghoireasan a dh’fheumar airson seirbheisean làithreach agus san àm ri teachd.

Tha am Plana Poilis Ro-innleachdail seo a’ toirt cunntas air mar a thèid na cothroman gus dèiligeadh ris na dùbhlain a chaidh a chomharrachadh a chruthachadh. Tha e a’ stiùireadh dòigh-obrach Poileas Alba a thaobh gach roinnleachd agus plana buileachaidh eile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil stiùireadh cunbhalach air a h-uile obair phoilis ann an Alba. Tha Ùghdarras Poileas na h-Alba agus Poileas Alba ag aontachadh agus a’ leasachadh an stiùiridh ro-innleachdail agus na builean co-cheangailte ris airson obair a’ phoilis agus tha iad sin air am mìneachadh anns an sgrìobhainn seo.

Tha e stèidhichte air còig builean ro-innleachdail, a tha ag innse na buaidh adhartaich a tha sinn a’ sireadh airson muinntir agus coimhearsnachdan na h-Alba. Tha e a’ co-chòrdadh ris na prionnsapalan poilis a tha air an cur sìos ann an Achd
Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012. Tha e a’ toirt cunntas air na tha na poilis a’ cur ris na Builean Dèanadais Nàiseanta agus Builean an t-Siostam Ceartais; agus tha e a’ nochdadh gu tur an stiùireadh a tha air a mhìneachadh ann am Prìomhachasan Poilis Ro-innleachdail agus Sealladh airson Ceartas Riaghaltas na h-Alba.

Feumaidh Ùghdarras Poileas na h-Alba fo Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 goireasan ionmhais a riarachadh a thaobh obair a’ phoilis. Tha an tÙghdarras air a mhaoineachadh gu h-àraidh tro thabhartas mar thaic bho Riaghaltas na h-Alba, a tha an uair sin air a riarachadh gu Poileas Alba, Seirbheisean Foireansach agus gnìomhan chorporra an Ùghdarrais. Faodar barrachd teachd-asteach a thogail le bhith a’ reic sheirbheisean agus a’ tàladh thabhartasan, a bharrachd air a bhith ag ath-thasgadh airgead bho bhith a’ reic so-mhaoin (m.e. togalaichean agus carbadan).

Tha ath-leasachadh a’ phoilis air àireamhan oifigearan thar choimhearsnachdan na h-Alba a chumail an-àirde, agus air gearradh timcheall air £200m bho chosgaisean bliadhnail. Tha cruthachadh aon sheirbheis poilis air tòrr a bharrachd a shàbhaladh na chaidh a shùileachadh anns a’ chùis gnothaich airson ath-leasachadh a’ phoilis.

Ach, a dh’aindeoin nan sàbhalaidhean mòra sin, tha dùbhlain ionmhasail leantainneach mu choinneamh obair-phoilis. Leanaidh sinn oirnn ag obair gus ar seirbheisean atharrachadh airson suidheachadh seasmhach a thaobh ionmhas a ruighinn gus leigeil leinn na h-amasan a tha san ro-innleachd seo a choileanadh.

Maoineachadh calpa

Tha am buidseat calpa air a chleachdadh gus tasgadh a dhèanamh ann a bhith ag ath-nuadhachadh so-mhaoin gu cunbhalach agus ann am pròiseactan atharrachaidh calpa. Tha maoineachadh calpa a’ toirt a-steach tabhartas calpa agus maoineachadh ath-leasachaidh Riaghaltas na h-Alba, agus cuidhteasan bho reic somhaoin.

Planadh ionmhasail

Tha leasachadh phlanaichean làidir gus obair phoilis na h-Alba a leasachadh agus atharrachadh deatamach airson coileanadh soirbheachail na ro-innleachd seo. Feumaidh co-dhùnaidhean làidir a thaobh ionmhas is tasgadh a bhith nam bunait dhaibh sin. Leanaidh Poileas Alba le bhith a’ togail comais anns na raointean sin gus leigeil leis an Ùghdarras sgrùdadh agus cunntachalachd cheart a dhèanamh.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Priorities for Policing

Published: 22 August 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing (2023/26) - 25 May 2023

Published: 26 July 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing 2023 - Policing for a safe, protected and resilient Scotland - Accessible

Published: 20 November 2023