Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.
Plana air duilleag
Co-ro-innleachd airson Obair Phoilis
Ar lèirsinn: Poileas ag obair a dh’ionnsaigh Alba a tha sàbhailte, dìonta agus foghainteach
Ar n-adhbhar: Is e adhbhar obair phoilis sàbhailteachd is sunnd dhaoine, àiteachan agus coimhearsnachdan ann an Alba a leasachadh
Ar luachan: Cothromachd, treibhdhireas, spèis, còraichean daonna.
Prìomhachasan Poilis Ro-innleachdail
Eucoir agus tèarainteachd
Earbsa
Seasmhachd
Com-pàirteachasan
Daoine
Fianais
Prìomhachasan Obair Phoilis
Dìon dhaoine so-leònte
Dèiligeadh ri eucoir san t-saoghal dhidseatach
Obair le coimhearsnachdan
Taic do ghnìomhachd phoilis
Buil: Dèiligeadh ri cunnart do shàbhailteachd is sunnd a’ phobaill le seirbheis poilis a tha for-ghnìomhach agus mothachail
Amasan
A’ cumail dhaoine sàbhailte san t-saoghal chorporra is didseatach
A’ dealbhadh sheirbheisean còmhla gus dèiligeadh ri dùbhlain thoinnte sàbhailteachd is sunnd a’ phobaill
A’ cur taic ri obair phoilis tro bhacadh for-ghnìomhach
Buil: Feumalachdan choimhearsnachdan ionadail gan coileanadh le lìbhrigeadh seirbheis èifeachdach
Amasan
A’ tuigsinn nan coimhearsnachdan againn agus a’ lìbhrigeadh a’ mheasgachaidh cheart de sheirbheisean gus coinneachadh ris na feumalachdan aca
A’ toirt taic do ar coimhearsnachdan tro mheasgachadh de dh’eòlas ionadail is nàiseanta
A’ cur taic ri nàdar caochlaideach choimhearsnachdan
Buil: Tha am poball, coimhearsnachdan agus com-pàirtichean a’ dol an sàs agus a’ gabhail pàirt ann an obair phoilis agus tha earbsa aca ann
Amasan
A’ freumhachadh nan cùisean beusalachd agus prìobhaideachd a tha riatanach ann an obair phoilis agus dìon anns gach taobh den t-seirbheis
A’ dìon a’ phobaill agus ag adhartachadh sunnd air feadh na h-Alba le bhith a’ toirt seachad seirbheisean a tha buntainneach, ruigsinneach agus èifeachdach
Ag obair còmhla ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, prìobhaideach agus treas roinn gus taic a thoirt do ar coimhearsnachdan
Buil: Tha na daoine againn a’ faighinn taic tro àrainneachd obrach mhisneachail, a’ toirt cothrom dhaibh frithealadh don phoball
Amasan
A’ cur prìomhachas air sunnd agus a’ cumail ar daoine sàbhailte, air an deagh uidheamachadh agus air an dìon
A’ toirt taic do na daoine againn a bhith nan ceannardan misneachail, nan com-pàirtichean agus nan luchd-buaidh innleachdail, gnìomhach
A’ cur taic ris na daoine againn gus luachan Poileas Alba aithneachadh agus a nochdadh agus mothachadh làidir a bhith aca mu bhuinteanas
Buil: Tha poileasadh seasmhach, sùbailte agus ullaichte airson dùbhlain san àm ri teachd
Amasan
A’ cleachdadh dhòighean innleachdach gus ar comas airson lìbhrigeadh seirbheis èifeachdach a luathachadh
A’ gealltainn deagh bhuaidh a thoirt gu buil tro sheasmhachd àrainneachdail air leth
A’ cur taic ri obair phoilis tro na h-innealan didseatach iomchaidh agus lìbhrigeadh an luach as fheàrr