Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 20 November 2023

Co-ro-innleachd airson Obair-phoilis 2023 Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Report Summary

Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.

Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.

Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.

Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.


Lèirsinn, luachan agus adhbhar

Tha an t-Ùghdarras agus Poileas Alba a’ co-roinn lèirsinn airson obair-phoilis ann an
Alba a tha a’ nochdadh luachan sònraichte gach buidheann agus adhbhar coitcheann obair-phoilis, mar a tha air a mhìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012.

Lèirsinn Ùghdarras Poileas na h-Alba: Obair-phoilis air Leas a’ Phobaill

Luachan Ùghdarras Poileas na h-Alba: Treibhdhireas, Spèis agus Seirbhis Phoblach

Lèirsinn Co-phàirtichte airson obair-phoilis: Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Luachan Poileas Alba: Cothromachd, Treibhdhireas, Spèis agus Còraichean Daonna

Adhbhar Obair-phoilis: Sàbhailteachd is sunnd dhaoine, àiteachan agus coimhearsnachdan ann an Alba a leasachadh


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Priorities for Policing

Published: 22 August 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing (2023/26) - 25 May 2023

Published: 26 July 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing 2023 - Policing for a safe, protected and resilient Scotland - Accessible

Published: 20 November 2023