Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.
Facal-toisich
Anns a’ Ghiblean 2020, dh’fhoillsich Ùghdarras Poileas na h-Alba agus Poileas Alba ar Co-Ro-innleachd airson Obair-phoilis, Obair-phoilis airson Alba Shàbhailte, Dìonta agus Foghainteach Tha e a’ suidheachadh treòrachadh soilleir airson obair-phoilis stèidhichte air builean ro-innleachdail a mhìnicheas a’ bhuaidh a tha sinn airson a thoirt air a’ phoball agus ar daoine.
Tha an ro-innleachd ùraichte seo ag aithneachadh na chaidh a choileanadh agus na tha air atharrachadh bho 2020.
Ged a tha na bliadhnaichean mu dheireadh air a bhith gun samhail a thaobh meud an dùbhlain a tha mu choinneamh obair-phoilis agus comann-sòisealta, 10 bliadhna an dèidh stèidheachadh Poileas Alba agus an t-Ùghdarras, tha sinn air seirbheis nas fheàrr a lìbhrigeadh dha ar coimhearsnachdan air fad. Gu deatamach, thathar a’ faicinn cuideachd cruth-atharrachadh anns na seirbheisean poilis sàr-eòlach is fìorspeisealta air an gabh ruigsinn air feadh Alba. Tha ar seirbheis shingilte nàiseanta ann an Alba a’ riochdachadh ath-leasachadh mòr san roinn phoblaich, agus tha i air luach nach beag a lìbhrigeadh don phoball agus don sporan phoblach.
Bha pàirt air leth aig Poileas Alba tro ghalar sgaoilte COVID-19, an 26mh Co-labhairt nam Pàrtaidhean air Atharrachadh Clìomaid aig na Dùthchannan Aonaichte (COP26) ann an Glaschu agus na prìomh thachartasan às deidh bàs A Mòrachd a’ Bhanrigh Ealasaid.
Tha comas obrachaidh air buannachd mhòr fhaighinn bho atharrachadh gu ruige seo, ach tha sinn ag aithneachadh gu bheil barrachd ri dhèanamh. Feumaidh an comas agus a’ cumhachd cheart a bhith againn gus seirbheis sheasmhach a chumail suas san àm ri teachd. Tha dreuchd ann an obair phoilis measgaichte, dùbhlanach is buannachdail. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil na daoine againn a’ faighinn na h-innealan, an trèanadh agus an taic a tha a dhìth gus poileas a dhèanamh gu h-èifeachdach agus gu tròcaireach, a’ nochdadh ar luachan a thaobh cothromachd, ionracas agus spèis, agus a’ cumail suas chòraichean daonna. Far nach bi sinn gann, gabhaidh sinn uallach agus nì sinn nas fheàrr. Chan eil àite ann an obair-phoilis do leth-bhreith.
Tha an ro-innleachd againn air atharrachadh gus an adhartas a rinn an t-seirbheis a nochdadh agus mar a tha an comann-sòisealta a’ leantainn air adhart ag atharrachadh timcheall oirnn. Tha e a’ toirt a-steach mar a dhèiligeas sinn ris na dùbhlain a tha a’ sìor fhàs a thaobh eucoir saidhbear agus didseatach, fòirneart an aghaidh bhoireannaich is nigheanan, agus a’ toirt a-steach ar dealasan a thaobh coionannachd, iomadachd agus in-ghabhail ris an tèid ar ro-innleachd agus am prògram Poileasaidh Còmhla.
Tha Lèirsinn airson Ceartas aig Riaghaltas na h-Alba a’ mìneachadh gu soilleir ar nuallach co-roinnte gus dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean tuigseach mu craidh-chàs agus le daoine aig a’ chridhe.
Tha buaidh so-leòntachd, droch shlàinte inntinn agus mì-chleachdadh stuthan air gach cuid daoine fa-leth agus an comann-sòisealta san fharsaingeachd air obairphoilis a’ leantainn, air a dhèanamh nas miosa gu ìre leis na suidheachaidhean eaconamach dùbhlanach a tha romhainn uile. Tha sinn ag aithneachadh, ann an iomadh cùis, nach e sinne an t-seirbheis as iomchaidh gus an taic as fheàrr a thoirt do dhaoine. Tha sinn ag obair le ar com-pàirtichean gus taic a thoirt do bhuilean adhartach do dhaoine, agus tha sinn a’ leantainn air adhart a’ neartachadh ar compàirteachasan tarsainn na roinne poblaich, a’ gabhail a-steach le COSLA agus ùghdarrasan ionadail, ar com-pàirtichean solas gorm, seirbheisean slàinte agus Slàinte Poblach na h-Alba.
Tha feum air tasgadh gus astar agus meud an atharrachaidh a dh’fheumar a thoirt air adhart don teicneòlas agus na siostaman a tha a’ toirt taic do obair-phoilis ùrnodha agus freagairteach. Tha sinn a’ dèanamh adhartas a dh’ionnsaigh coshuidheachadh sheirbheisean agus ag ùrachadh ar cabhlach. Ach tha e air aithneachadh gu math nach eil ar n-oighreachd iomchaidh agus tha feum air barrachd taic gus ar miann a luathachadh agus sinn fhèin a shaoradh bho chosgais cumail suas togalaichean aosda nach eil a’ coinneachadh ri feumalachdan ar daoine no a’ phobaill.
Tha an deagh dhàimh a th’ againn leis a’ phoball agus na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh bunaiteach airson am misneachd annainn gum bi sinn gan dìon nuair as so-leònte iad, a’ cumail a h-uile duine sàbhailte bho chunnart is cron an-dràsta agus san àm ri teachd. Tha sinn dealasach a thaobh èisteachd agus freagairt a thoirt do gach coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach an fheadhainn nach bi tric a’ gabhail gnothach ri obair-phoilis.
Mar a bhios sinn a’ gluasad air adhart, tha sinn ag aithneachadh cho làidir sa tha an sgioba stiùiridh againn agus ar daoine barraichte agus dealasach a tha a’ co-roinn ar misean a bhith a’ frithealadh poball agus coimhearsnachdan na h-Alba. An-dràsta agus san àm ri teachd.
Martyn Evans Cathraiche, Ùghdarras Poileas na h-Alba
Iain MacDhunlèibhe QPM Àrd-chonstabal, Poileas Alba