Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 20 November 2023

Co-ro-innleachd airson Obair-phoilis 2023 Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Report Summary

Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.

Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.

Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.

Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.


Buil 4

Buil 4: Tha na daoine againn a’ faighinn taic tro àrainneachd obrach mhisneachail, a’ toirt cothrom dhaibh frithealadh don phoball Dùbhlain is cothroman

Tha na daoine againn air leth cudromach airson soirbheachas obair-phoilis ann an Alba. Tha iad air an tarraing airson seirbheis bho raon farsaing de chùl-raointean agus a’ toirt diofar eòlasan beatha don bhuidheann.

Tha iad air an aonachadh le rùn coitcheann Poileas Alba gus daoine a chumail sàbhailte agus tro phrìomh luachan ionracas, cothromachd, spèis agus dealas airson cumail suas chòraichean daonna.

Tha sàbhailteachd agus sunnd ar daoine aig cridhe geallaidhean Poileas Alba.

Tha dreuchd ann an obair-phoilis bhuannachdail, ach faodaidh e a bhith air leth dùbhlanach cuideachd. Tha e deatamach gum bi daoine uidheamaichte leis na sgilean, an eòlas, an teicneòlas agus an taic a dh’fheumas iad gus obair-phoilis a dhèanamh gu sàbhailte agus gu h-èifeachdach, uile ann an àrainneachd obrach dheimhinneach.

Tha dòigh-obrach gun fhulangas aig Poileas Alba a thaobh leth-bhreith de sheòrsa sam bith agus tha iad dealasach a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh cultar taiceil agus inghabhalach far am bi co-obraichean a’ faireachdainn gu bheil iad a’ buntainn riutha agus gun urrainn dhaibh coileanadh aig an ìre as fheàrr.

Dùbhlain an latha an-diugh

Tha eucoir ag atharrachadh agus tha sgrùdadh agus cuideam air obair-phoilis a’ dol am meud. Tha ionnsaighean air oifigearan air a dhol suas

Tha sinn a’ leantainn oirnn ag atharrachadh mar sheirbheis agus ag obair air dòighean gus ar daoine a leasachadh gus an làn chomais a thoirt gu buil

Tha cultar eagrachaidh againn a tha a’ leasachadh agus a tha a’ nochdadh bunaitean feachd dìleabach agus a’ togail a dh’ionnsaigh piseach coitcheann

Obair-phoilis san àm ri teachd

Tha sunnd cudromach ann am buidheann far a bheil a h-uile duine sàbhailte, uidheamaichte agus air a dhìon

‘S e stiùirichean misneachail a th’ anns na daoine againn agus iad a’ faireachdainn gu bheil earbsa annta, agus taic agus luach a thoirt dhaibh airson na chuir iad ris.

Bidh na daoine againn uile ag aithneachadh agus a’ taisbeanadh luachan Poileas Alba agus tha mothachadh làidir aca air buntainneas

Gus a’ bhuil seo a choileanadh, bidh Poileas Alba:

A’ cur prìomhachas air sunnd agus a’ cumail ar daoine sàbhailte, air an deagh uidheamachadh agus air an dìon

A’ toirt taic do na daoine againn a bhith nan ceannardan misneachail, nan com-pàirtichean agus nan luchd-buaidh innleachdail, gnìomhach

A’ cur taic ris na daoine againn gus prìomh luachan aithneachadh agus a nochdadh agus mothachadh làidir a bhith aca mu bhuinteanas

A’ cur prìomhachas air sunnd agus a’ cumail ar daoine sàbhailte, air an deagh uidheamachadh agus air an dìon

Tha an cultar taobh a-staigh obair-phoilis air a bhith na chuspair air mòran craolaidh agus càineadh anns na meadhanan o chionn beagan bhliadhnaichean às deidh sreath de thachartasan àrd-ìomhaigh nochdadh beachdan agus giùlan mìfhreagarrach.

Mar a bhios Poileas Alba a’ toirt air adhart obair gus ro-innleachd co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail Poileasaidh Còmhla a bhuileachadh, bidh am fòcas air cultar eagrachaidh a thogail a ghineas earbsa agus far am bi ar daoine uile a’ faireachdainn sàbhailte agus a’ faighinn taic.

Chan eil àite sam bith aig leth-bhreith ann an obair-phoilis agus gabhar ris a h-uile cothrom a tha ri fhaighinn gus freagairt làidir a lìbhrigeadh far a bheil feum air, a’ dèanamh cinnteach gum faigh obair-phoilis cuidhteas nan daoine a tha a’ nochdadh creideasan leth-bhreith no a th’ air a bhith ri fòirneart no seòrsaichean croin eile.

Tha sàbhailteachd ar daoine air leth cudromach, agus cha bu chòir gum biodh e na phàirt iomchaidh de bhith ag obair dha na poilis a bhith fo ionnsaigh no droch dhìol.

Leanaidh Poileas Alba air adhart ag obair le com-pàirtichean san t-siostam ceartais gus dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh gu h-iomchaidh ri ionnsaighean air ar daoine. Far an tachair suidheachaidhean, ionnsaichidh Poileas Alba bhuapa agus nì iad cinnteach gu bheil an trèanadh agus an uidheamachd aig na daoine a dh’fheumas iad airson dèiligeadh gu sàbhailte ris a h-uile tachartas a bhios iad a’ frithealadh.

Tha sunnd faireachdainn ar daoine a cheart cho cudromach ri dèanamh an sàbailteachd corporra cinnteach. Tha Poileas Alba airson gum bi na daoine a’ faireachdainn taic agus cumhachd gus cuideachadh a shireadh bho cho-obraichean agus seirbheisean taice ge bith dè an suidheachadh. Tha raon de thaic ri fhaighinn agus cumaidh Poileas Alba orra a’ dèanamh cinnteach gu bheil seo ruigsinneach agus ri fhaotainn dha na h-uile nuair a tha feum aca air.

Uidheamaichidh Poileas Alba an luchd-obrach aca leis an eòlas, na sgilean, an teicneòlas agus an seòrsa taic eile a tha riatanach gus poileas a dhèanamh gu sàbhailte agus gu h-èifeachdach an-dràsta, agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad deiseil airson nan dùbhlain agus nan cothroman a tha romhainn. Tha seo a’ toirt a-steach cothrom air gach duine againn air ceannardas ionadail èifeachdach agus faicsinneach agus raon farsaing de sheirbheisean gus an cuideachadh, bho mothachadh slàinte inntinn fa leth gu ionmhas pearsanta.

A’ toirt taic do na daoine againn a bhith nan ceannardan misneachail, nan com-pàirtichean agus nan luchd-buaidh innleachdail, gnìomhach

Bidh na daoine againn ag obair ann an àrainneachdan grad-ghluasadach làn uallaich, far am feum iad gu tric ceannardas a nochdadh. Feumaidh Poileas Alba an uidheamachadh gus co-dhùnaidhean a ruigsinn, a’ dèanamh cinnteach gu bheil earbsa annta agus cumhachd aca sin a choileanadh. Thèid an t-solar trèanaidh a leudachadh gus an t-eòlas agus na sgilean a thoirt don sgioba-obrach gus obair phoilis èifeachdach a lìbhrigeadh ann an saoghal a tha ag atharrachadh.

Bidh cothroman trèanaidh èifeachdach agus leasachadh ceannardais air an cleachdadh gus dùilean agus ìrean giùlain a chonaltradh, a’ toirt taic do sgiobaobrach a’ phoilis gus an eòlas agus na seataichean sgilean a leasachadh a dh’fheumar gus dùbhlan a thoirt do leth-bhreith agus àrach àrainneachdan obrach taiceil is in-ghabhalach air feadh na buidhne.

Bidh seo a’ gabhail a-steach trèanadh cunbhalach, agus sònraichte dhan dreuchd, air co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas, na sgilean agus a’ mhisneachd aig ar daoine gus taic a thoirt dha an coobraichean agus na coimhearsnachdan air a bheil iad a’ frithealadh.

Bheir Poileas Alba an t-eòlas agus na sgilean do na daoine againn a dh’ fheumas iad gus obair-phoilis èifeachdach a lìbhrigeadh, agus bheir iad seachad cothroman gus sgilean ùra fhaighinn, ath-thrèanadh agus iomadachadh tron dreuchd aca.
Leanaidh an àrd-ùrlar MyCareer air adhart a’ toirt chothroman do na daoine againn a bhith a’ leasachadh nan dreuchd làithreach no a bhith a’ sireadh tuilleadh leasachaidh a dh’ionnsaigh dreuchdan ùra no àrdachadh.

A’ cur taic ris na daoine againn gus prìomh luachan aithneachadh agus a nochdadh agus mothachadh làidir a bhith aca mu bhuinteanas

Tha rùn aig Poileas Alba cultar taiceil san àite-obrach a thogail agus a chumail suas far a bheil tabhartasan fa leth agus diofar sheallaidhean air an comharrachadh agus air an luachadh. Obraichidh Poileas Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil na daoine againn a’ faireachdainn sàbhailte an làn fhèin a chur an cèill aig an obair agus cuiridh iad an sàs frèam-obrach farsaing de thaic gus seo a lìbhrigeadh.

Tha luachan Poileas Alba a thaobh cothromachd, ionracas, spèis agus dealas airson cumail suas chòraichean daonna nam bunaitean airson obair a’ phoilis. Tha uallach oirnn dèanamh cinnteach gu bheil co-dhùnaidhean proifeasanta agus gnìomhan a rèir ar luachan. Le bhith a’ dèanamh seo faodaidh a h-uile duine cur ri àrainneachd obrach chunbhalach, dheimhinneach air feadh na buidhne.

Tha an comas a bhith a’ tuigsinn, a’ taiceadh agus a’ freagairt ris na feuman is fèinfhiosrachaidhean aig coimhearsnachdan is co-obraichean buadhmhor a thaobh earbsa is misneachd a’ phobaill. Tha e deatamach a thaobh dligheachd obair-phoilis is gleidheadh earbsa is misneachd a’ phobaill gu bheil feachd-obrach Poileas Alba an dà chuid a’ samhlachadh agus a’ toirt urram don iomadachd a gheibhear ann an coimhearsnachdan.

Leanaidh Frèam-obrach nan Luachan Comasachd a’ toirt taic do lìbhrigeadh deaghchultair eagrachail, oir leigidh e le Poileas Alba a bhith a’ co-roinn, a’ beachdachadh agus a’ tomhas beusan fhad ’s a tha e a’ toirt lèirsean tuigse mar thaic do leasachadh leantainneach. Bidh Ro-innleachd Dhaoine ùraichte na meadhan air obair co-òrdanachaidh a bheir an taic dar daoine a dh’fheumas iad airson an dleastanasan a dhèanamh gu h-èifeachdach, fhad ’s a bhios Policing Together a’ liubhairt deagh shaoghal obrach agus atharrachadh so-bheantainn air feadh na buidhne.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Priorities for Policing

Published: 22 August 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing (2023/26) - 25 May 2023

Published: 26 July 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing 2023 - Policing for a safe, protected and resilient Scotland - Accessible

Published: 20 November 2023